An Turas: Bhòidse a’ Hector

Ann an 2014, le taic bho Alba Chruthachail, dh’fhaighnich sinn do Iain Somerville pìos ciùil ùr a sgrìobhadh stèidhichte air bhòidse a’ Hector, long a dh’fhàg Siorrachd Rois ann an 1773 airson seòladh a Chanada. Cha b’ ann gun spàirn no cruadal a ràinig a’ Hector a ceann-uidhe.

Tràth san Iuchar 1773, chaidh 207 luchd-siubhal air bòrd na luinge ann an Ulapul, a’ mhòr-chuid dhiubh à Loch Bhraoin ann an Ros an Iar. Ràinig an long port, agus gun ach 189 luchd-siubhail air fhàgail oirre aig a’ cheann thall, ann am Pictou, Alba Nuadh ann am meadhan na Sultain. Thug iad grunn sheachdainean na b’ fhaide na bha iad an dùil an taobh thall a ruighinn. Chunnacas cruadal, fulangas agus cruaidh-chàs gu leòr air an turas eadar an dà phort, ach sheas an luchd-siubhail gu calma ris gach nì agus iad làn dòchais mun bheatha ùir a bha romhpa.

’S ann à Obar Itheachan faisg air Loch Nis a tha Iain Somerville. Thòisich e aig Fèis Rois mar oileanach, agus an uair sin bha e ag obair aig an Fhèis mar neach-stiùiridh agus oide, agus tha Iain a-nis air aon de na cluicheadairean bogsa as fheàrr ann an Alba. Tha e aithnichte airson a stoidhle innleachdach is ùr-nòsach a tha fhathast freumhaichte san dualchas Ghàidhealach aige. Mar sgrìobhaiche ciùil, tha e air pìosan a sgrìobhadh airson tòrr de na còmhlain leis an do dh’obraich e, leithid Treacherous Orchestra, Halcyon, Croft Number Five, Rule of Three, Box Club agus The Arches Theatre Company.

Chaidh ‘An Turas: Bhòidse a’ Hector’ a chluich aig Fèis Bhlas, Iomall Fèis Dhùn Èideann, Celtic Connections, Celtic Colours ann an Canada agus aig Fèis Cheilteach Nàiseanta Astràilia.

The Voyage Of The Hector by Fèis Rois

No leabhar nam port a cheannach

To top