Com-pàirteachas san RA

Fèis Chiùil Thraidiseanta Chambridge

‘S i Fèis Chiùil Thraidiseanta Chambridge aon de na Fèisean chiùil thraidiseanta as sine air an t-saoghal. Tha i air a bhith a’ dol bho 1965 agus bidh mu 14,000 neach a’ dol ann, agus tòrr dhuibh a’ tilleadh a h-uile bliadhna.

Tha an fhèis air cliù a chosnadh dhi fhèin mar thachartas far an cluinnear measgachadh farsaing de cheòl; bidh an luchd-ciùil traidiseanta as fheàrr às an Rìoghachd Aonaichte is Èirinn a’ cluich taobh ri taobh ri luchd-ciùil fìor ùr-nòsach, na luchd-ciùil country, ‘blues’ is ‘roots’ às fhearr à Ameireagaidh, seinneadairean is sgrìobhadairean òrain ainmeil, luchd-ciùil chliùiteach agus rionnagan mhòra a tha aithnichte air an t-saoghal.

’S e pàirt mòr de dh’fheallsanachd na Fèise a bhith a’ toirt chothroman is taic do luchd-ciùil òga a tha air ùr-tòiseachadh air ainm a dhèanamh dhaibh pèin. Ann an 2011, stèidhich an Fhèis àrd-ùrlar air a bheil The Den, gus cothrom a thoirt do luchd-ciùil a tha fo 30 bliadhna a dh’aois a bhith a’ dèanamh adhartais nan dreuchd ciùil. Tha a’ Hub na àite sònraichte eile do luchd-ciùil òga far am faod iad pàirt a ghabhail ann am bùithtean-obrach, seiseanan agus far am faod iad a bhith a’ taisbeanadh an cuid ceòl.

Gach bliadhna, bidh luchd-ciùil òga bho Fhèis Rois a’ cluich aig an Fhèis agus bidh iad a’ gabhail pàirt ann am bùithtean-obrach, cuirmean com-pàirteach agus ann an cuirmean eile. Ann an 2018, chomharraich sinn 10 bliadhna bhon a thòisich an co-obrachadh cultarach againn leis an Fhèis.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh aig Fèis Chiùil Thraidiseanta Chambridge

Tuilleadh fiosrachaidh

To top