Highland Partnerships

At Fèis Rois we collaborate with other Highland organisations on a variety of projects.

Sùil San Fhairsaingeachd

‘S e prògram deuchainn nàiseanta a tha ann an Co-chomann Cultar na Gàidhealtachd a chuireas air bhonn lìonra de luchd-ealain, de chomainn is de choimhearsnachdan ag obair còmhla airson diofar deimhinne a chruthachadh gu h-ionadail is gu nàiseanta mar fhreagairt air Cobhad-19.

Sa Ghearran 2021, sgaoil Alba Chruthachail £5.9m am measg 26 prìomh-bhuidhnean air feadh na h-Alba gus dòighean a leasachadh còmhla mar fhreagairt air buaidh a’ ghalair leantainnich.

Bidh aire Co-chomann a’ Chultair air obair chruthachail còmhla ris na coimhearsnachdan, taic ri dòighean com-pàirteachail is pròiseactan far an oibrich luchd-ealain agus coimhearsnachdan le chèile. ‘S e prìomh- phàirt dhe seo dèiligeadh ri buaidh COBHAD-19, a’ cur chothromanan cosnaidh an tairgse do luchd-ealain agus a’ cuideachadh le daoine beatha chultarach nan coimhearsnachdan aca a chumadh san àm a tha romhpa.

Tha co-obrachadh deatamach don phrògram aig ìre ionadail is nàiseanta. Feumaidh gach buidheann is ealainiche a gheibh taic co-obrachadh le coimhearsnachdan gu h-ionadail ach cuideachd obair còmhla mar cho-chomann nàiseanta. Le taic co-òrdanaiche sa mheadhan (Ceannard Prògram Co-chomann a’ Chultair, Kathryn Welch) a bhios os cionn a’ phrògraim, bheir seo a-staigh sìor-riarachadh an adhartais a nìthear; a bhith an làthair aig coinneamhan is tachartasan nàiseanta; agus gabhail com-pàirt ann an measadh na deuchainn.

Co-chomann Cultair na Gàidhealtachd

‘S i Fèis Rois prìomh-bhuidheann rianachd Co-chomann Cultar na Gàidhealtachd, rud a tha a’ ciallachadh gun deach £300,000 a bhuileachadh air Fèis Rois le Alba Chruthachail. Tha Fèis Rois ga faicinn fhèin mar chom-pàirtiche co-ionnann sa phròiseiact cho- obrachail seo, sa bheil cuideachd Eadar-aghaidh Treas Roinn na Gàidhealtachd, Cùirt Eden, Clò-lann na Gàidhealtachd, Ionad Ealain Lyth agus North Lands Creative.

Ag obair còmhla, tairgidh an co- chomann seo 6 cosnaidhean làn-ùine sa Ghàidhealtachd.

Freagraidh Co-chomann Cultar na Gàidhealtachd air buaidh a’ ghalair Cobhad-19 air an àrainneachd is air na coimhearsnachdan seo de dhaoine:

  • Daoine a dh’fhuiling air sàilleabh a’ ghalair, nam measg, mar eisimpleir, seann daoine, an teaghlaichean agus an luchd-cùraim.
  • Boireannaich, clann is òigridh fo bhuaidh droch-dhìol san dachaigh
  • An fheadhainn a tha fo bhuaidh siostam a’ cheartais, nam measg eucoirich, an fheadhainn a tha buailteach eucoir a dhèanamh, agus an fheadhainn aig a bheil ball den teaghlach sa phrìosan.
  • Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig aig an robh tàir le ionnsachadh na Gàidhlig sa bhliadhna a tha seachad, m.e. clann is òigridh a fhritheileas foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ach aig nach eil Gàidhlig a-staigh.

Visit www.highlandculturecollective.com/

Highland Youth Arts Hub Logo

Chaidh an Com-pàirteachas a stèidheachadh ann an 2014 gus taic a thoirt do Ro-innleachd Ealain Nàiseanta na h-Òigridh, ‘Time to Shine’. B’ e an t-amas a bh’ aig a’ phròiseact, barrachd chothroman a thoirt do dh’òigridh aois 0-25 air tachartasan is obair ealain air feadh na sgìre thar chaochladh mheadhanan ealain lethid dannsa, ealain dhidseatach, dràma, film, litreachas, ceòl agus ealain lèirsinne.

Eadar 2014 agus 2016 thug Com-pàirteachas Ealain Òigridh na Gàidhealtachd (CEOG) na leanas gu buil: 12 pròiseact dearbhaidh a’ gabhail a-steach diofar mheadhanan ealain, grunn sheiseanan airson Leasachadh Proifeiseanta Leantainneach (CPD) do roinn nan ealain òigridh san fharsaingeachd agus ceithir tachartasan mòra a rinn taisbeanadh air ealain òigridh. Ghabh 5,765 daoine òga pàirt sna diofar iomairtean thairis air còrr is 30,000 uair a thìde agus chaidh còrr is 200 dreuchd a chruthachadh far an robh daoine ag obair air an ceann fhèin, agus b’ ann aig luchd-ealain òga 25 no nas òige a bha 47% de na dreuchdan sin.

Dh’fhoillsich CEOG Ro-innleachd Ealain Òigridh na Gàidhealtachd ann an 2017 airson 10 bliadhna, le còig prìomh amasan: so-ruigsinneachd, co-obrachadh, innleachdas, àite agus seasmhachd. Cumaidh Fèis Rois oirre ag obair còmhla ri caidreachas de thrì deug buidhnean ealain is òigridh gus an ro-innleachd seo a chur an sàs san ùine-fhada.

Chòrd e rium gu mòr a bhith a’ gabhail pàirt ann an Com-pàirteachas Ealain Òigridh na Gàidhealtachd. Bho ghabh mi pàirt ann an Càirdean is Coimhearsnachd, tha sin air iomadh doras fhosgladh dhomh agus iomadh cothrom a thoirt dhomh gus na sgilean agam a leasachadh agus choinnich mi tòrr dhaoine gasta.

Neach-ciùil a ghabh pàirt ann an Càirdean is Coimhearsnachd.
To top