Beàrnan-Brìde – Dandelion

Mar phàirt de phrògram Beàrnan-Brìde 2022, dh’oibrich sinn an co-bhoinn ris an Àite airson Gàrradh ris nach biodh Dùil a thogail ann an Alanais.

Le a fhreumhaichean ann an Alba, le sealladh eadar-nàiseanta agus le seasmhachd na chridhe, lean prògram a’ Bheàrnan-Bhrìde, a chaidh coimiseanadh le TachartasAlba le maoin tro Riaghaltas na h-Alba, bogha seusan an fhàis, bhon Ghiblean chun na Sultain 2022, agus chrìochnaich e le ciadan de dh’Fhèisean Foghair air feadh na h-Alba.

B’ e prìomh-chuspair ar Gàrraidh ris nach biodh Dùil ach sìol. Còmhla ri ùir is uisge fallain, ‘s e sìol cuid de phrìomh-bhun-stèidh siostam a’ bhìdh is cultar a’bhìdh de dh’àite sam bith, ach an-diugh tha an tuigse air cudrom agus an t-eòlas air cùram is àrach sìl air a dhol an dìochuimhne gu ìre mhòir.

An lùib a’ phròiseict bha fàs grunn glasraich a bha a’ freagairt air, no aig an robh ceangal eachdraidheil ris an dùthaich, leis a’ phrìomh amas a bhith a’ buain an t-sìl. Rè an t-seusain, mar a bha na lusan sa ghàrradh a’ fàs, bha fàilte air buill na coimhearsnachd tighinn còmhla gus com-pàirt a ghabhail anns an fhàs agus sa ghàirnealaireachd, agus  gnothach a ghabhail ris na tachartasan na chois.

‘S e bha fainear don phròiseact a’ choimhearsnachd a mhisneachadh, oideachadh is an cothrom a thoirt dhi a thaobh fàs, toradh bìdh is sìl, agus pàirt bheag a chluich ann a bhith a’ toirt na coimhearsnachd ri chèile. ‘S e rud beag a tha ann an sìol ach ‘s ann às a dh’fhàsas rudan mòra.

To top