Pupils hold ukuleles in front of their faces for a funny group photo.

Iomairt Chiùil Òigridh Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh

Tha sinn air a bhith ag obair còmhla ri Comhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh bho 2012 gus prògram de leasanan ceòl traidiseanta a lìbhrigeadh do sgoilearan bun-sgoile air feadh na sgìre. Bidh na clasaichean ag obair còmhla ri luchd-ciùil proifeiseanta agus gheibh iad cothroman sgilean ionnsachadh ann a bhith a’ cluich ceòl, a’ cluich na fìdeig, an ukulele, òrain Ghàidhlig agus òrain Albais.

Pròiseact math dha-rìribh! Diofar sheòrsa leasanan air an teagasg le oidean sgoinneil. Tha na seiseanan a’ fìor chòrdadh ris a’ chloinn.

Tidsear aig aon de na clasaichean

Leis a’ phròiseact seo, faodaidh sgoilearan ionnsachadh mun chultar is dualchas ionadail aca, ceòl is òrain ùra a dhèanamh, agus sgilean beatha a leasachadh, leithid conaltradh, obair ann an sgioba agus dòighean-smaoineachaidh cruthachail.

Tha cuid a sgoiltean air roghnachadh ionnsachadh is cluich còmhla. Seo agaibh pìos le Bun-sgoil Sheanchair is Bun-sgoil Amisfield ag ionnsachadh an ukulele agus òrain ùra còmhla:

Chaidh goireas le òrain a chruthachadh do sgoiltean, Time to Seinn, a tha a’ toirt cothrom do dhaoine òga cumail orra ag ionnsachadh nuair a tha am pròiseact deiseil. Chaidh an goireas seo a dhealbh le luchd-ciùil a bha ag obair air a’ phròiseact agus gheibhear e air-loidhne.

Tha e air fìor chòrdadh rium a bhith an sàs sa phròiseact seo agus tha mi dhen bheachd gu bheil e air tòrr feum a dhèanamh do na sgoilearan. Cothrom mìorbhaileach dhaibh a bhith ag obair agus a’ faighinn brosnachadh bho luchd-ciùil. Rinn e feum do na sgoilearan cuideachd gun d’ fhuair iad cothrom cluich do dhaoine eile (clasaichean eile agus luchd-èisteachd aig Ionad Cùraim Làitheil) agus tha mi gu deimhinne dhen bheachd gur e dòigh mhath is spòrsail a tha seo cur ris na tha iad ag ionnsachadh.

Tidsear aig aon de na clasaichean

Tha am pròiseact seo air a mhaoineachadh le Iomairt Chiùil na h-Òigridh

To top