Cearcall Còmhraidh Gàidhlig

A bheil thu ag ionnsachadh na Gàidhlig? No a bheil thu ag iarraidh cothrom ga cleachdadh? Uill, nach tadhal thu air ar Cearcall Còmhraidh!

Bidh sinn a’ coinneachadh air a’ chiad Diluain de gach mìos eadar 6.30 – 7.30f thairis Zoom. Aig gach seisean, tha aoigh cuide rinn a bhios a’ bruidhinn air cuspair a tha iad fhèin air taghadh agus tha cothrom ceistean a chur orra is a’ cabadaich. ‘S e deagh chothrom a th’ ann airson a bhith a’ bruidhinn na Gàidhlig le aoigh is com-pairtichean tuigseach is taiceil. Oh agus tha na seiseanan an-asgaidh!

Airson clàradh ur d’ùidh anns na seiseanan seo, nach sgrìobh thu gu Sophie.

Seiseanan san amharc

06/05/24 – Iain S Mac a’ Phearsain

Rugadh is thogadh Iain S Mac a’ Phearsain air prèiridh Chanada ann an teaghlach de luchd-obrach dùthchail a bhuineas dha Ìle, dha Muile ‘s dhan Eilean Sgitheanach. Eadar Alba is Èirinn a Tuath tha e air a bhith na òraidiche is na rannsaiche oilthigh airson còrr math is fichead bliadhna agus e a nise a’ fuireach ann am Beul Feirste agus ag obair dha Sabhal Mòr Ostaig, Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean.

A thuilleadh air sin, tha e air a bhith an sàs gu proifiseanta ann an sgrìobhadh, eadar- theangachadh, craoladhis obair filmichean bho thàinig e a dh’fhuireach ann an Alba ann an 1996. 

Am measg a chuid obrach, fhuair An Leabhar Liath, a rinneadh le Pàdraig MacAoidh, Duais Chrann na h-Alba airson an leabhair rannsachaidh a b’ fheàrr ann an 2017 cho math ri Duais Dhòmhnaill Meek airson an leabhair Ghàidhlig a b’ fheàrr ann an 2016; agus fhuair am film aige Bothan air a’ Phrèiridh air a’ gheàrr-liosta airson a’ film tuair sgeulach a b’ fheàrr aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach ann an 2010. 

To top