Clasaichean Seachdaineach

Tha sinn airson gum bi am fiosrachadh uile a tha dhìth oirbh agaibh mus tòisich am pàiste agaibh a’ dol gu clas aig Fèis Rois. Mura faigh sibh am fiosrachadh a tha sibh a’ sireadh gu h-ìosal, feuch gun cuir sibh fios gu Co-òrdanaiche nan Clasaichean Coimhearsnachd.

’S e aon de na prìomh amasan a th’ againn le prògram nan clasaichean seachdaineach aig Fèis Rois, taic a thoirt do dh’òigridh gus am bi barrachd misneachd is sgilean aca a bhios nan cuideachadh dhaibh nuair a chluicheas iad sa choimhearsnachd.

Bidh sinn a’ cumail chèilidhean sna coimhearsnachdan ionadail aig deireadh teirm an Ògmhios far am faod càirdean is caraidean a thighinn a dh’èisteachd ris a’ cheòl aig muinntir nan clasaichean. Gu tric, bidh cothroman eile airson cluich, aig tachartasan sa choimhearsnachd gus airgead a thogail no aig tachartasan teaghlaich.

Dè na chosgas e airson nan clasaichean?

Term 1 | £42
Term 2 | £56
Term 3 | £70
Term 4 | £70

Am faod mo phàiste dìreach nochdadh aig a’ chlas gun innse dhuibh?

Chan fhaod. Feumaidh sibh pàigheadh ro-làimh airson chlasaichean agus tha e cudromach gum bi am fiosrachadh conaltraidh agaibh againn air eagal ’s gum bi suidheachadh-èiginn ann agus gum bi am fiosrachadh againn mu fheuman sònraichte no feuman a bharrachd a th’ aig ur pàiste mus tòisich iad a’ dol gu clas. Mura h-eil am fiosrachadh sin againn, chan urrainn dhuinn ur pàiste a ghabhail sa chlas.

Chan eil ionnsramaid agam, a bheil sin gu diofar?

Chan eil e gu diofar, faodaidh sibh pàigheadh airson tè fhaighinn air iasad. Tha stòras ionnsramaidean aig Fèis Rois le mu 100 ionnsramaid againn.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu ionnsramaidean air mhàl an seo.

Co-dhiù a tha sibh dìreach a’ tòiseachadh no ag iarraidh gleus a chur air na sgilean a th’ agaibh a-cheana, tha luchd-ciùil againn dha bheil spèis aig daoine a bheir taic dhuibh ann an clasaichean càirdeil is spòrsail. Tha fàilte air a h-uile duine sna clasaichean againn agus mura faigh sibh rudeigin a tha freagarrach dhuibh, cuiribh fios thugainn agus nì sinn ar dìcheall gus ur cuideachadh.

Tha seiseanan againn cuideachd, nam b’ fheàrr leibh a bhith a’ cluich phort an àite a bhith ag ionnsachadh ann clas far a bheil barrachd structair. A bharrachd air na clasaichean, dh’fhaodadh gum bi cothroman ann dhuibh air feadh na bliadhna airson cluich agus bidh sinn a’ cumail tachartas sòisealta aig an Nollaig airson a h-uile duine a tha a’ dol gu na clasaichean.

Dè na chosgas e airson nan clasaichean?

Term 1 | £48
Term 2 | £64
Term 3 | £80
Term 4 | £80

Am faod mi dìreach nochdadh aig a’ chlas gun innse dhuibh?

Chan fhaod. Feumaidh sibh pàigheadh ro-làimh airson chlasaichean agus tha e cudromach gum bi am fiosrachadh agaibh againn mus tòisich sibh a’ dol gu clas. Mura h-eil am fiosrachadh sin againn, chan urrainn dhuinn ur gabhail sa chlas.

Chan eil ionnsramaid agam, a bheil sin gu diofar?

Chan eil e gu diofar, faodaidh sibh pàigheadh airson tè fhaighinn air iasad. Tha stòras ionnsramaidean aig Fèis Rois le mu 100 ionnsramaid againn.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu ionnsramaidean air mhàl an seo.

Cinn-latha nan Teirmichean airson 2022-23

  • · Teirm 1: An t-seachdain a’ tòiseachadh air 29 Lùnastal gus an t-seachdain a’ crìochnachadh air 7 Dàmhair (6 seachdainean). Chan eil clasaichean ann air an t-seachdain a’ tòiseachadh air 16 Sultain.
  • · Teirm 2: An t-seachdain a’ tòiseachadh air 24 Dàmhair gus an t-seachdain a’ crìochnachadh air 16 Dùbhlachd (8 seachdainean).
  • · Teirm 3: An t-seachdain a’ tòiseachadh air 16 Faoilleach gus an t-seachdain a’ crìochnachadh air 24 Màrt (10 seachdainean).
  • · Teirm 4: An t-seachdain a’ tòiseachadh air 23 Giblean gus an t-seachdain a’ crìochnachadh air 23 Ògmhios (10 seachdainean).
  • Ìre 1: Fìor Luchd-tòiseachaidh – bidh an ionnsramaid seo gu tur ùr dhuibh.
  • Ìre 2: ILuchd-tòiseachaidh a tha a’ dèanamh adhartas – bidh sibh air a bhith a’ cluich airson 6 – 12 mìos agus bidh tuigse bhunaiteach agaibh air dòighean-cluiche agus bidh sibh air port no dhà ionnsachadh.
  • Ìre 3: Bun-mheadhan-ìre/Meadhan-ìre – bidh sibh air a bhith a’ cluich airson 1 – 2 bhliadhna agus bidh sibh eòlach air deagh chuid de phuirt, òrain, dhannsaichean no cheumannan dannsa.
  • Ìre 4: Àrd-mheadhan-ìre /Adhartach – bidh sibh air a bhith a’ cluich airson co-dhiù 2 bhliadhna agus bidh comasan matha agaibh leis an ionnsramaid agaibh. Bidh sibh eòlach air diofar sheòrsaichean phuirt, dhannsaichean, òrain no cheumannan. Bidh sibh air tòiseachadh air puingean-maise a chleachdadh.

Term 1 | £42 Ògridh / £48 Inbheach
Term 2 | £56 Ògridh
/ £64 Inbheach
Term 3 | £70 Ògridh / £80 Inbheach
Term 4 | £70 Ògridh
/ £80 Inbheach

To top