Fèis Rois nan Inbheach

We look forward to welcoming you to Ullapool for the next Adult Fèis from 3rd to 6th May 2024.

Tha Fèis Rois nan Inbheach a’ frithealadh air gach comas is ìre, agus tha fàilte air a h-uile duine bho luchd-tòiseachaidh gu luchd-ciùil gu math comasach. Chan fheum sibh a bhith comasach air ceòl a leughadh agus chan fheum eòlas a bhith agaibh air ceòl traidiseanta airson spòrs a bhith agaibh aig Fèis nan Inbheach.

Chan e dìreach sàr oideachadh a gheibh sibh aig an fhèis bhliadhnail seo a mhaireas trì latha, bidh tòrr a’ tachairt taobh a-muigh nan clasaichean, leithid sheiseanan, cuirmean aig àm-lòin agus air an oidhche, òraidean agus cearcall còmhraidh Gàidhlig càirdeil.

Thèid na clasaichean a chumail eadar 10m is 4f air Disathairne, Didòmhnaich agus Diluain agus bidh iad air an teagasg le sgioba iongantach de luchd-ciùil aig a bheil cliù eadar-nàiseanta. Tha clasaichean air an seòrsachadh a rèir nan diofar chomasan a th’ aig daoine agus bidh a’ chiad chlas a roghnaicheas sibh ga chumail sa mhadainn agus bidh an dàrna clas a roghnaicheas sibh ga chumail air an fheasgar. Seo dhuibh cothrom a bhith air ur bogadh ann an ceòl, òrain is dannsa dualchasach agus ann an cànan is cultar na Gàidhlig ann am bailie brèagha Ulapuil.

Bha an teagasg air leth gleusta agus a’ freagairt air gach neach fa leth sa chlas.

Neach a ghabh pàirt ann an 2017

Abair deireadh-seachdain math, agus cothrom ionnsachaidh air leth le daoine gu math proifeiseanta.

Tha an t-oideachadh ciùil stèidhichte ann an Àrd-Sgoil Ulapuil agus ann an Talla Baile Ulapuil.

Tutors & Timetable

The music tuition is based in Ullapool High School and Ullapool Village Hall.

Download our list of tutors and classes for 2024 here:

Geibhear liosta de na oidean gu lèir seo:

Bidh na clasaichean ciùil stèidhichte ann an Àrd-sgoil Ulapuil agus ann am Bun-sgoil Ulapuil.

Bithear a’ tabhann chlasaichean aig na h-ìrean a leanas:

FLT = Fìor Luchd-tòiseachaidh – cothrom ann rudeigin fheuchainn airson a’ chiad uair.
LTA = Luchd-tòiseachaidh a tha a’ dèanamh adhartas – bidh sibh air a bhith a’ cluich airson nas lugha na 6 mìosan agus bidh beagan eòlais agaibh, mar eisimpleir, bidh beagan sgèilean agaibh, port sìmplidh, no còrd no dhà.
BMI = Bun-mheadhan-ìre – bidh sibh air a bhith a’ cluich airson mu 6-18 mìosan / bidh sibh air beagan phort/òrain/chòrdan ionnsachadh agus tha sibh airson togail air na sgilean agaibh agus barrachd phort ionnsachadh.
AMI = Àrd-mheadhan-ìre – bidh sibh air a bhith a’ cluich airson còrr is 18 mìosan / bidh fios agaibh air puirt/còrdan/òrain chumanta agus tha sibh airson piseach a thoirt air a’ chluich agaibh.
MI = Meadhan-ìre – ìre sam bith aig a’ mheadhan-ìre
A = Adhartach – bidh sibh an ìre mhath misneachail às na sgilean agaibh agus bidh deagh chuid phort agaibh agus tha sibh airson a’ chluich agaibh a thoirt chun na h-ath ìre.

Prògram seisean-obrach

Tha clàr-ama nam fèisean Disathairne, Didòmhnaich agus Diluain mar a leanas:

  • 10m-11m – seisean-obrach na maidne
  • 11m – 11.30m – fois is cofaidh
  • 11.30m – 12.30f – leanaidh seisean-obrach na maidne air
  • 12.30f – 2f – lòn (program de chòmhraidhean agus aithrisean)
  • 2f – 4f – seisean-obrach an fheasgair

Disathairne a-mhàin – seiseanan le oidean aig diofar amannan agus àiteachan tron fheasgar. ‘S urrainn dhuibh àite a ghlèidheadh annta nuair a chlàraicheas tu.

Didòmhnaich a-mhàin – cuirm-chiùil an luchd-teagaisg ann an Taigh-cluiche MhicPhàil aig 7.30f.

Diluain, thig an clas feasgair gu crìch aig 3f agus thig sinn còmhla ann an taigh-cluiche MhicPhàil airson soraidh slàn bho 3-4f.

Tha tiogaidean gu Fèisean nan Inbheach gu h-ìosal:

  • £200 làn phrìs
  • £165 lughdachadh (don fheadhainn a tha nas sine na 65 no gun obair)
  • £140 Disathairne agus Didòmhnaich a-mhàin

Ma tha duilgheadas sam bith agaibh tron phròiseas glèidhidh, cuiribh post-d gu fios@feisrois.org agus bidh sinn toilichte ur cuideachadh.

‘S e cùrsa trì latha a tha seo le adhartas thar nan trì latha. Ach, tha fios againn nach bi Diluain dheth aig a h-uile duine, agus mar sin, bidh sinn a’ tabhann roghainn dà latha a bharrachd air na trì latha slàn.

Ionnsramaidean

Is urrainn dhuinn ionnsramaidean air mhàl a thairgsinn an asgaidh airson cuid de chlasaichean an luchd-tòiseachaidh. Bheir seo a-steach a’ chlàrsach, an fhidheall & an fhìdeag. ‘S dòcha gun tèid againn air ionnsramaidean eile a lorg ma tha feum orra, cuiribh post-d thugainn airson tuilleadh fiosrachaidh.

Airson piàna/meur-chlàr, thoiribh an aire gum feum sibh am meur-chlàr agaibh fhèin a thoirt leibh. Tha fìdeagan rim faighinn ach aig àm clàraidh no tron deireadh-sheachdain anns a’ bhùth bathair againn.  

Bidh clàradh ann an Àrd-sgoil Ulapuil, Sràid na Muilne, Ulapul, IV26 2UN an dàrna cuid Dihaoine 3mh Cèitean eadar 6-7f no Disathairne 4mh Cèitean bho 9.15-10m.

Aig àm clàraidh gheibh sibh bann-dùirn airson a chaitheamh fad an deireadh-sheachdain. Bheir seo dhuibh cothrom a dhol a-steach don a h-uile càil (clasaichean, seiseanan, aithrisean, cuirmean-ciùil luchd-teagaisg smsaa) ach a-mhàin cuirm-chiùil oidhche Haoine agus Shathairne. Gabhaidh tiogaidean airson iad sin a cheannach tron phròiseas glèidhidh no aig àm clàraidh.

Bidh clasaichean a’ gabhail àite ann an Àrd-sgoil Ulapuil agus ann an Talla a’ Bhaile. Bidh mapaichean rim faighinn aig àm clàraidh a’ sealltainn far a bheil a h-uile clas air a chumail.

Tha sinn gu math fortanach gu bheil sinn a’ cleachdadh iomadh ionad sgoinneil ann an Ulapul. Bidh na h-ionadan aoigheachd againn ag iarraidh gun toir sinn an aire air na togalaichean gu lèir, gun a bhith a’ toirt biadh no deoch a-steach do chlasaichean no do thrannsaichean, agus gun a bhith a’ suathadh ri stuthan no uidheamachd sgoile sam bith. Chan fhaod seòmar teagaisg sam bith fhàgail falamh aig àm lòin. ‘S ann le Comhairle na Gàidhealtachd a tha na h-ionadan teagaisg air fad a tha sinn a’ cleachdadh am-bliadhna, is tha poileasaidh teann aca an aghaidh smocaidh. Tha casg air ann an àrainn na sgoile cuideachd. Airson tuilleadh fiosrachaidh mun tachartas, cuiribh post-d thugainn aig fios@feisrois.org 

Tha sinn a’ coimhead air adhart ri ur faicinn airson deireadh-seachdain làn cheòl, dannsa agus craic!

Dè bhios a’ tachairt gach latha?

Bidh cothrom ann clàradh airson an deireadh-sheachdain aig Àrd-sgoil Ulapuil eadar 6-7f Dihaoine  (faodaidh sibh clàradh cuideachd eadar 9.15-10m madainn Disathairne), agus tha tachartasan an-asgaidh mar phàirt de “Iomall na Fèise” gan cumail air an oidhche sin, leithid seisean aig a’ Cheilidh Place agus cuirm ann an Taigh-òsta Earra-Ghàidheal.

Thèid na clasaichean a chumail eadar 10m is 4f air Disathairne , Didòmhnaich  agus Diluain   (thèid clasaichean na maidne a chumail eadar 10m-12.30f le leth uair a thìde airson stad airson cofaidh agus thèid clasaichean an fheasgair a chumail eadar 2-4f). Roghnaichibh aon chlas sa mhadainn airson an deireadh-sheachdain air fad agus aon chlas air an fheasgar airson an deireadh-sheachdain air fad.

Chan eil mi ach air clàradh airson Disathairne. Ma chòrdas e rium, am faod mi clàradh airson Didòmhnaich is Diluain fhad ’s a tha mi ann an Ulapul?

Faodaidh! Ach feuch gun iarr sibh air neach-obrach sin a chur air dòigh. Tha Fèis nan Inbheach na cùrsa trì-latha far am bi oileanaich a’ dèanamh adhartas sna clasaichean thairis air na trì làithean. Mholamaid dhan a h-uile duine tighinn chun an tachartais air fad mas urrainn dhaibh.

Tha mi gu bhith trang Disathairne, ach bu thoigh leam clàradh airson Didòmhnaich is Diluain. Am biodh sin ceart gu leòr?

Tha sinne toilichte leigeil le daoine clàradh airson pàirt den deireadh-sheachdain ach, mar a chaidh a ràdh gu h-àrd, bidh gach latha den chùrsa trì-latha seo a’ togail air na chaidh a dhèanamh roimhe, mar sin ma thòisicheas sibh air Didòmhnaich, feumaidh sibh greimeachadh gu luath air na chaidh a dhèanamh roimhe.

Tha mo chompanach / caraid airson tighinn a dh’Ulapul airson an deireadh-sheachdain. B’ fheàrr leotha a dhol a choiseachd nam beann tron latha an àite a bhith a’ gabhail pàirt sna clasaichean. Am faod iad pàirt a ghabhail fhathast sna tachartasan air an oidhche?

B’ ann air an dearbh adhbhar sin a thòisich sinn prògram an “Iomaill” o chionn beagan bhliadhnaichean. Tha dà roghainn ann airson companaich/càirdean/caraidean:

  1. Faodaidh iad tabhartas luach £10 a thoirt do dh’Fhèis Rois nuair a ruigeas sibh Ulapul agus le sin gheibh iad bann-làimhe leis am faigh iad a-steach dhan Cheilidh Place gach oidhche (a tha an ìre mhath dùinte dhan phoball fad an deireadh-sheachdain agus an fhèis mar thachartas prìobhaideach ann), agus gu prògram de dh’òraidean is cuirmean aig àm-lòin. Tha cuirmean an-asgaidh cuideachd ann an cuid de na taighean-seinnse ionadail thairis air an deireadh-sheachdain.
  2. Cuideachd, tha consairt mhòr ann an Taigh-cluiche MhicPhàil ann an Àrd-sgoil Ulapuil oidhche Shathairne. Chan eil seo mar phàirt den phrìs airson chlasaichean. Faodaidh sibh tiogaidean airson seo a cheannach dhuibh fhèin agus do ur càirdean/caraidean aig an doras aig £12/£10.

Am faod mi tiogaidean a bharrachd a cheannach airson cuirm-chiùil nan oidean oidhche Dhòmhnaich?

Gu mì-fhortanach, seach nach eil suidheachain gu leòr ann, chan urrainn dhuinn tiogaidean a thabhann airson cuirm-chiùil nan oidean ach dhan fheadhainn a tha clàraichte airson an deireadh-sheachdain air fad, no airson Didòmhnaich. Tha an tiogaid seo mar phàirt den phrìs a phàigheas sibh nuair a chlàraicheas sibh airson na Fèise. Tha sinn fortanach gu bheil taigh-cluiche fìor mhath ann an Ulapul, ach chan eil ach 240 suidheachan san taigh-chluiche sin! Chan urrainn dhuinn tiogaidean a bharrachd a reic do chàirdean/caraidean. Ge-tà, bidh sinn a’ cur cuirm an-asgaidh air dòigh san Arch Inn oidhche Dhòmhnaich dham faod sibh fhèin is ur càirdean/caraidean a dhol nas fhaide air an oidhche.

Tha a’ chòir agam air lasachadh airson daoine aois 65 no nas sine, ach chan eil mi ga fhaighinn nuair a dh’fheuchas mi àite a ghleidheadh air-loidhne.

’S dòcha gu bheil sin a’ tachairt seach nach robh a’ chòir agaibh air lasachadh nuair a chuir sibh an cunntas agaibh air dòigh an toiseach. Feuchaibh ri logadh a-steach dhan chunntas agaibh agus atharraichibh am fiosrachadh agaibh mus glèidh sibh àite.

To top