Riaghladh

Tha Fèis Rois air a riaghladh le Bòrd Stiùiridh a bhios a’ coinneachadh ceithir tursan sa bhliadhna. Thèid ar Coinneamh Bhliadhnail a chumail gach Samhain agus faodaidh duine sam bith bhon mhòr-shluagh a dhol chun na coinneimh sin. Thoiribh sùil air ar duilleig le naidheachdan airson fiosrachadh mun tachartas sin nas fhaisge air an àm.

Shona Henderson

Company Secretary

Tha Shona ag obair mar leas-dheasaiche naidheachdan aig a’BhBC ann an Inbhir Nis. Tha i air a bhith ag obair dhan BhBC fad còrr air 20 bliadhna, an toiseach ann an Glaschu. Rugadh is thogadh Shona anns na Hearadh agus tha i fileanta ann an Gàidhlig. Tha ùidh mhòr aice ann an òrain is bàrdachd Ghàidhlig agus mar a tha ceòl na mheadhan airson daoine, sean is òg, a thoirt còmhla.

Thòisich i air a’ Bhòrd sa Chèitean 2018

Carrie Forbes

Carrie Fhoirbeis

An dèidh dhith deich bliadhna a chur seachad na neach-sgrùdaidh cunntasachd, a-nis tha Carrie Fhoirbeis ag obair na clàradair guth, na bana-sheinneadair Ghàidhlig is na neach-teagaisg ciùil air a ceann fhèin. À Baile Dhubhthaich i fhèin, bha Carrie na com-pàirtiche cunbhalach ann am Fèis Rois nan Deugairean sna bliadhnaichean aice san àrd-sgoil. O chionn ghoirid, tha Carrie air a bhith ag obair na h-oide air a ceann fhèin aig Pròiseact Tàlaidhean Fèis Rois, aig Club Fèis Rois ann am Baile Dhubhthaich, agus a’ teagasg sheiseanan-obrach dèanamh ciùil ann am bun-sgoiltean na Gàidhealtachd mar phàirt de dh’Iomairt Ceòl na h-Òigridh (ICÒ). Tha i dealasach a thaobh dual-cheòl Albannach is Gàidhealach agus tha fiughair aice ri ùine a chur seachad air Bòrd Fèis Rois.

Thòisich i air a’ Bhòrd san Dùbhlachd 2023

Tom Boyd

Tòmas Bòideach

Tha ceangal air a bhith aig Tòmas ri Fèis Rois còrr is 15 bliadhna. Na mheasg bha mòran spòrs teaghlaich is pearsanta, ach cuideachd co-obrachadh tron obair aige còmhla ri feadhainn a bha ann an cùram. Tha ùidh shònraichte aige ann an dòighean mac-meanmnach air cothroman piseach is atharrachaidhean a chruthachadh do dhaoine a tha ‘air an oir’ nar coimhearsnachdan. Tha e air obair o chionn fichead bliadhna air a’ Ghàidhealtachd is eile còmhla ri clann, òganaich is teaghlaichean a bha ann an cùram. Tha e a’ fuireach san Eilean Dubh agus ag obair aig a’ Ghealltanas Alba.

Thòisich e air a’ Bhòrd san Dùbhlachd 2023

Dàibhidh Green

Bha Dàibhidh ag obair ann an caochladh raointean poblach, prìobhaideach is saor-thoileach fhad ‘s a bha e a’ togail gnothachas fhàrdaichean-còmhnaidh air a’ chroit aige. Bha Dàibhidh sa chathair air Buidheann Ceòl-ionnstramaidean Riaghaltas na h-Alba a mhol sgur a chur chìsean air oideas ciùil airson deuchainnean sgoile. Tha e na chùl-taic làidir airson iomadach cothrom a bha gu leas a theaghlaich fhèin, a’ cuideachadh leotha chun an cinn-uidhe. A-nis is e na inbheach-ionnsachaidh dìleas aig an Fhèis, tha Dàibhidh an dòchas le bhith ag èisteachd ri is ag ionnsachadh bho sgioba Fèis Rois, gur urrainn dha luach a chur riutha ann an dòigh thogarrach chruthachail.

Thòisich e air a’ Bhòrd san Dùbhlachd 2023

Megan Dale

Chaidh Megan àrach ann an Siorrachd Rois far an do ghabh i com-pàirt ann am Fèis Rois, a’ frithealadh nam feisean-còmhnaidh ann an Ulabul agus a’ cluich còmhla ri Fìdhlearan Chill Tighearn. Tha i fileanta ann an Gàidhlig leis mar a fhuair i cuid foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Inbhir Pheofharain, agus thug i a-mach ceum ann an Ceilteis is Eachdraidh na h-Alba ann an Oilthigh Dhùn Èideann. Tha Megan a’ fuireach ann an Glaschu a-nis agus tha i ag obair aig a’ bhuidhinn phròiseactan Gàidhlig Astar Media, a’ stiùireadh grunn phròiseactan, le co-fharpais nan fiolmaichean goirid Gàidhlig, FilmG, mar aon den phrìomhachas aice. 

Thòisich i air a’ Bhòrd san Dùbhlachd 2023

Don Esson

Bha saoghal fada aig Don ann am foghlam agus tha e air obair air feadh a’ chinn a tuath. Thòisich e air obair ann an Acadamaidh Inbhir Pheofharain mar fhear-teagaisg eachdraidh. San 12 bhliadhna mu dheireadh tha e air a bhith na àrd-threòraiche aig Comhairle na Gàidhealtachd, mu dheireadh na Mhanaidsear Ceàrnaidh Foghlaim is Ionnsachaidh. Am measg a dhleasdanasan ron sin bha stiùireadh innleachdach air foghlam sa Cheàrnaidh an Iar, leasachadh càileachd,  co-ionannachd is iomadachd, agus luchd-cùraim òg. Bha ùidh aige fad a bheatha ann an eachdraidh, ceòl, ealain is cànainean na h-Alba. Tha seo a’ toirt a-steach ùidh phearsanta ann an taic ri fòghlam, ceòl is cultar Gàidhlig. Tha Don toilichte an cothrom fhaighinn taic a chumail ris a’ chloinn is ris an òigridh againn san dreuchd ùr seo.

Thòisich e air a’ Bhòrd san Dùbhlachd 2023

Duncan Chisholm

Donnchadh Siosal

‘S e Donnchadh aon den luchd-ciùil as cliùitiche ann an Alba. Tha e na shàr-chluicheadair fìdhle agus na sgrìobhaiche ciùil sònraichte. Rugadh is thogadh e faisg air Inbhir Nis agus tha e air a chuid mhòr de bheatha a chur seachad a’leasachadh a chuid ciùil. Tha e air siubhal air feadh na RA, na Roinn Eòrpa agus na Stàitean Aonaichte. Tha e ag obair leis fhèin, còmhla ri Julie Fowlis agus còmhla ris a’chòmhlan Wolfstone. Ann an 2015, chaidh Donnchadh fhasdadh mar stiùiriche Càirdean is Coimhearsnachd – pròiseact òigridh Fèis Rois a tha ag amas air daoine òga a bhrosnachadh gu bhith cruthachail le sgilean eitn-eòlais, fiolmadh agus a bhith a’ cumadh fhuinn is ceòl.

Thòisich e air a’ Bhòrd san t-Samhain 2018

Jennifer Marshall

Chair

’S e neach-lagh a tha ann an Jennifer agus chuir i seachad grunn bhliadhnaichean ag obair sa bhaile mhòr le companaidh choimeirsealta. Thill i dhan Ghàidhealtachd o chionn ghoirid airson obair le Puirt-adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean. Tha Gàidhlig aice agus tha ùidh aice ann an ceòl na pìoba agus òrain Ghàidhlig.  Tha i air a bhith an sàs ann an tachartasan Fèis Rois mar dheugaire agus mar inbheach airson còrr is fichead bliadhna.

Thòisich i air a’ Bhòrd san Dùbhlachd 2019.

Alex Urquhart-Taylor

Vice-Chair

’S e pìobaire agus stiùiriche companaidh eadar-lìn a tha ann an Alex. Tha e cuideachd air bòrd coimhearsnachd pròiseact ath-nuadhachail. Nuair a bha Alex òg, bhiodh e a’ gabhail pàirt ann an tòrr de thachartasan Fèis Rois – nam measg fèisean òigridh agus inbhich, sàr-chlasaichean, Cèilidhean air Chuairt agus iomadach pròiseact eile. Tha e a’ cumail a-mach gu bheil na rinn e tro na bliadhhnaichean air leth cudromach dhan tuigse agus dhan spèis a tha aige do cheòl, do chànan is do chultar na h-Alba. Tha e an dòchas le bhith na phàirt den bhòrd, gun cuidich e le bhith dèanamh cinnteach gu faigh tòrr a bharrachd dhaoine na h-aona chothroman ‘s a fhuair e fhèin. 

Thòisich e air a’ Bhòrd san t-Samhain 2020

Grace Stewart Skinner

Rugadh agus thogadh i air a’ Ghàidhealtachd. Tha Grace na clàrsair air leth inntinneach a bha air a cuairteachadh le ceòl traidiseanta Albannach fad a beatha. Fhritheil i mòran fhèisean nuair a bha i san sgoil agus bha i air leth toilichte a bhith mar phàirt de Chèilidh air Chuairt Fèis Rois ann an 2019. Choisinn Grace duais ‘Hands Up For Trad ‘Inspiration Award’’ agus chaidh seo a bhuileachadh oirre aig Duaisean Ceòl Traidiseanta Alba MG Alba ann an 2017. O chionn ghoirid, cheumnaich Grace à Oilthigh Dhùn Èideann le MA ann an Ceilteis. A-nis, bidh i a’ leantainn a cùrsa-obrach ciùil làn-ùine na cumadair-ciùil agus na neach-ciùil. Tha ùidh aice ann a bhith a’ cur ri saoghal a’ chiùil thraidiseanta agus ga dhèanamh na àite aoigheil, sàbhailte agus in-ghabhalach.  

Thòisich i air a’ Bhòrd san Dùbhlachd 2022.

Calum Macaulay

Calum Macaulay

‘S e cunntasair clàraichte a tha ann an Calum agus tha e air a bhith ag obair ann an Inbhir Nis bho 2005 a’ toirt comhairle do ghnìomhachasan le sealbhadairean mar as trice ann an roinnean dùthchail, aoigheachd agus turasachd. Thogadh Calum ann an Leòdhas agus tha e ag ionnsachadh Gàidhlig. Ged nach eil comas ciùil aige, tha ùidh aige ann an Ceòl Traidiseanta na h-Alba agus sa bhuaidh a dh’fhaodas a bhith aige air ar coimhearsnachdan agus an leas. 

Thòisich e air a’ Bhòrd san Dùbhlachd 2022

Chloë Bryce

’S ann à Taobh Sear Rois a tha Chloë bho thùs. Thàinig i chun na tuigse a tha aice air ceòl traidiseanta tro na cothroman a fhuair i ann am fèisean. Bhiodh i dol gu fèisean Fèis Rois agus tha i air a bhith air an àrd-ùrlar air feadh na Rìoghachd Aonaichte agus air feadh an t-saoghail tro Chèilidh air Chuairt. Dh’ionnsaich Chloë fìdhlearachd is òrain Ghàidhlig ann an Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd agus cheumnaich i o chionn ghoirid bho Chonservatoire Rìoghail na h-Alba le ceum le urram ìre a h-aon ann an Ceòl Traidiseanta. Tha spèis mhòr aig Chloë do sheann chultar is chleachdaidhean na Gàidhealtachd agus tha i airson cuideachadh le bhith a’ glèidheadh ceòl, cànan is cultar na sgìre aice fhèin. 

Thòisich i air a’ Bhòrd san t-Samhain 2020

To top