Cothromanan Maoineachaidh

Tha Fèis Rois a’ cur a làn-taic ri luchd-ciùil is luchd-ealain tro chothromanan maoineachaidh far an gabh sin dèanamh. Cuirear gairmean proiseict fosgailte am follais an seo nuair a gheibhear iad.

Sgeime Tabhartasan Beaga: Cèol Dualchasach

Tha an cothrom seo dùinte a-nis.

Tràth ann an 2021, sgaoil sinn £40,000 am measg dà-dheug de luchd-ciùil air feadh na h-Alba airson na pròiseactan-ciùil òigridh aca fhèin a dhealbhachadh agus a theagasg tro Sgeime Tabhartasan Beaga Ealan na h-Òigridh mar phàirt de phasgan maoineachaidh Cobhad-19 aig Riaghaltas na h-Alba airson na h-ealain a chuideachadh. Bha e san amharc aig na tabhartasan, a bha air an rianachd le Alba Chruthachail, cothroman obrach a chruthachadh do luchd-ciùil ag obair air an ceann fhèin agus gnìomhan ealain a chur an tairgse cloinne is òigridh, gu h-àraidh an fheadhainn as motha a tha fo bhuaidh Cobhad-19 is faodaidh sibh barrachd ionnsachadh mu na pròiseactan dhan tug sinn maoineachadh gu h-ìseal. 

Tòisichidh an luchd-tagraidh soirbheachail na pròiseactan aca bho dheireadh a’ Ghiblein am-bliadhna agus bidh chun a’ Mhàirt 2022 aca airson crìoch a chur air na pròiseactan aca. Gheibh iad cuideachd dà sheisean oideachaidh is lìon-obair airson taic a chumail ris na pròiseactan aca.

Mu na pròiseactan soirbheachail

  • Iona Fyfe (Glaschu) – Pròiseact Seinn nan Òran Gallta airson Sunnd; Sreath seiseanan-obrach seinn air-loidhne gan tabhann air òigridh eadar 17-25 a’ fuireach ann an Alba a dh’fhaodas a bhith a’ fulang euslainte inntinn. Ged a tha e stèidhichte ann an Glaschu bidh iad rim faighinn do dh’òigridh air feadh na h-Alba.
  • Màiri-Therese NicIllePheadair (Rinn Friù an Ear) – Sreath chuirmean-ciùil a chuireas leanaban is màgarain an aithne do Cheòl Albannach ‘s aig an aon àm a’ cruthachadh àrainn chiùin bhlàth do am pàrantan is don luchd-cùraim airson conaltradh.
  • Catrìona Hawksworth (Peart is Ceann Rois) – Leigidh am pròiseact seo le clann sgoil-àraich a bhith spòrsail agus obair air sgilean-èisteachd fhad ‘s a chluicheas iad còmhla ‘s a leasaicheas iad sgilean obair-buidhne, aig an aon àm cuideachd a’ toirt fuaimean is cànain ùr dhaibh a chuidicheas iad breith air an ùine a chaill iad air sàilleabh Cobhad-19.
  • Grant MacPhàrlain (Siorrachd Rinn Friù) – Sreath sheiseanan a’ dèanamh ceòl  air an amas air òigridh bho dhachaighean bochda. Ag obair còmhla ri Families First (Comhairle Siorrachd Rinn Friù), bheir am pròiseact an cothrom do dh’òigridh is don teaghlach aca tighinn còmhla is ceòl a dhèanamh tro sheiseanan-obrach air an amas air misneachd is fèin-spèis a leasachadh.
  • Teàrlach MacCèirìn (a’ Ghàidhealtachd) – Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag obair an-dràsta a’ cur ionad foghlaim ùr air chois airson cuideachadh le òigridh ceàrnaidh Sgoil-ghràmair Bhaile nan Granndach agus Àrd-sgoil Chinn a’ Ghiùthsaich. Cuiridh pròiseact Theàrlaich teagasg ciùil air chois don òigridh sin ron leasachadh agus thèid a chur an gnìomh le Fèis Rois is Comhairle na Gàidhealtachd, agus bheir e cothroman oideachaidh do dhithis luchd-ciùil le ceum às an àite fhèin.
  • Mischa Nic a’ Phearsain (Glaschu) – Clasaichean seinn an-asgaidh do dh’fhògarraich òga agus Albannaich ùra a tha a’ fuireach ann an Glaschu.
  • Ailie NicDhonnchaidh (Glaschu) –  Bheir an tabhartas taic do thràth leasachadh  pròiseact a chruthaicheas is a chompàirticheas ceòl beò tàlaidheach do chloinn glè òg.
  • Lilian Ros (a’ Ghàidhealtachd) – Seiseanan-obrach gan amas air an aois 0-5 air an dùthaich, a’ cleachdadh sgeulachdan, orain, ceòl is ealan airson cuideachadh leotha an sgilean èisteachd, sòisealta, conaltraidh is obair sgioba a leasachadh, is cuideachd an cuimhne, an làimhseachadh is an lèirsinn a leudachadh.
  • Gillian Nic Steafain (a’ Ghàidhealtachd) – Cothroman ceòl a dhèanamh do sgoilearan bun-sgoile bho Acadamaidh Bhiortail na Gàidhealatchd (HVA).
  • Teàrlach Stiùbhart (Peart is Ceann Rois) – ‘S e sgoil chòmhnaidh faisg air Ceann Rois a tha ann an Seamab a bheir cùram is foghlam do chloinn le feumalachdan ionnsachaidh a bharrachd, agus sa phròiseact aig Teàrlach tadhlaidhidh e air an sgoil grunn tursan airson ionnstramaidean is ceòl dualchasach a chur an aithne dhaibh.
  • Emma Tomlinson (Siorrachd Àir an Ear) – Maoineachadh airson Sgoil Shamhraidh Dual-cheòl Siorrachd Àir a chumail a bhios air loidhne agus an asgaidh am-bliadhna.
  • Anne Wood (a’ Ghàidhealtachd) – A’ toirt ghnìomhan ciùil do na tràth-bhliadhnaichean ann an coimhearsnachdan dùthchail na Gàidhealtachd.
To top