21 Bliadhna de Chèilidh air Chuairt
Ann an 2020, b’ e seo an t-aonamh ceann-bliadhna air fhichead de Chèilidh air Chuairt. Ged nach gabhadh seo a chomharrachadh mar a bhiodh e air còrdadh ruinn le samhradh de chuirmean-ciùil, dh’fhoillsich Fèis Rois clàr dùbailte le ceòl bho chom-pàirtichean a bha air a bhith air na Cèilidhean air Chuairt.
Faodaidh tu an CD ùr òrdachadh aig: http://feisrois.bandcamp.com/album/21-years-of-the-f-is-rois-ceilidh-trail.
‘S e cothrom leasachaidh proifeiseanta a tha anns a’ Chèilidh air Chuairt do luchd-ciùil òga eadar 16 agus 25. Mar as trice, bidh an luchd-ciùil òga a’ beachdachadh air cosnadh ann an ceòl traidiseanta. Cuideachd, tha e na iomairt chudromach ann an turasachd chultarach.
Bha Fèis Rois air planadh airson samhradh sgoinneil de chuirmean is chèilidhean air feadh Alba, Sasainn, na Frainge agus Àstràilia airson an ceann-bliadhna aca a chomharrachadh. Ge-tà, air sàilleabh galar Cobhad-19, bha aig Fèis Rois ri seo a chur dheth. Ged nach robh luchd-ciùil air chuairt air feadh na dùthcha, bha e na thoileachas dhuinn cuirm-chiùil shònraichte air-loidhne a bhith againn air 15mh Lùnastal 2020 gus còrr air 150 neach-ciùil a bha air pàirt a ghabhail sa phrògram roimhe a thaisbeanadh.
Faodaidh tu a’ chuirm-chiùil fhaicinn an seo agus barrachd mun luchd-ciùil ionnsachadh agus sùil a thoirt air na làraichean-lìn aca gu h-ìosal.
List of Performers
Ceilidh Trail 2000-2003
Ceilidh Trail 2000-2003 Bidh an seinneadair is an clàrsair Rachel Newton a’ mìneachadh òrain is teacsaichean traidiseanta Beurla is Gàidhlig còmhla ris na sgrìobhaidhean aice fhèin. A thuilleadh air an obair aon-neach aice, tha Rachel na co-obraiche sgileil agus na ball stèidheachaidh de The Shee, The Furrow Collective agus The Lost Words: Spell Songs. Tha an còigeamh clàr aice a’ tighinn a-mach nas fhaide air a’ bhliadhna seo.
Ceilidh Trail 2010, 2012 B’ e Ali Ceòladair Òg Traidiseanta na Bliadhna aig BBC Radio Scotland ann an 2020. Bidh e a’ pìobaireachd agus a’ seinn na fìdeig agus tha ùidh air a bhith aige ann an ceòl traidiseanta Albannach bho bha e naoi bliadhna a dh’aois nuair a thòisich caraid teaghlaich a’ teagasg na pìoba dha. Chuir Ali seachad ceithir bliadhna ann an Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd mus deach e do Chonservatoire Rìoghail na h-Alba. Rè na h-ùine seo, chum e dlùth-cheangal ris an Fhèis. O chionn ghoirid, chuir e a-mach clàr leis an triùir aige, Project Smok.
Ceilidh Trail 2015 – 2016 Thogadh Chloë Bryce air a’ Ghàidhealtachd is tha i air a comas ciùil traidiseanta a leasachadh tro bhith an lùib na Fèise. Lean i oirre le fìdheall agus òrain Ghàidhlig ann an Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd sa Phloc. Tha buaidh aig seann phuirt agus òrain mu chultar na Gàidhealtachd air a’ cheòl aice agus tha ùidh aice ann a bhith a’ cleachdadh a cruthachalachd fhèin. Tha i air fàs ainmeil mar chumadair-ciùil agus cluinnear mòran de na fuinn aice ann an seiseanan ann an Glaschu. Tha Chloë air a bhith air chuairt air feadh Bhreatainn a’ cluich aig tachartasan leithid Celtic Connections, Cambridge Folk Festival agus Sidmouth Folk Festival. Cuideachd, tha i air cluich gu h-eadar-nàiseanta aig Festival Interceltique de Lorient, Fèis Eadar-Nàiseanta Celtic Colours agus the Fèis Nàiseanta Cheilteach Astràilia.
Ceilidh Trail 2015 An dèidh dhi BBC Radio Young Folk Award 2016 a chosnadh agus a bhith na neach-ainmichte ‘Up and Coming’ airson Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba 2017, tha Brìghde Chaimbeul, an neach-ciùil agus am pìobaire Sgitheanach, air cliù a chosnadh dhi fhèin. Tha Gàidhlig on ghlùin aig Brìghde agus tha iomadh rud a’ toirt buaidh air an stoidhle chiùil aice. Nam measg tha a cànan agus a cultar fhèin ach traidiseanan pìobaireachd à àiteachan mar Cheap Breatainn, taobh an ear na Roinn Eòrpa agus Èireann cuideachd.
Ceilidh Trail 2012 Air sgàth a’ ghràidh a tha aig Sally air ceòl dùthchasach, chaidh I do Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd sa Phloc, dh’ionnsaich Ceòl Dùthchasach Suaineach ann an Stockholm agus chluich i an fhìdheall ann an clàr-ciùil Sting ‘The Last Ship’. Aig a’ chiad Fhèis aice ann an Ulapul, thuig i gur e seo a bha i airson a dhèanamh. Bhon a ghabh i pàirt anns a’ Chèilidh air Chuairt ann an 2012, tha e air còrdadh rithe a bhith ag obair ann an diofar shuidheachaidhean airson na Fèise.
Ceilidh Trail 2014 Tha an stoidhle a bhith a’dèanamh òrain ùr-nodha aig Josie Duncan air grèim fhaighinn air luchd-èisteachd air feadh an t-saoghail, bho fhèisean ann an Astràilia gu seilearan ann an Glaschu. Chluinnteadh na h-òrain aice air Radio 2 agus The Janice Forsyth Show. Chaidh a h-ainmeachadh mar chumadair-ciùil agus òranaiche airson obair nàiseanta a chaidh a leasachadh le Theatar Nàisanta na h-Alba. Bho fhuair i duais BBC Young Folk Award ann an 2017, tha Josie air a bhith air chuairt gun sgur air feadh an t-saoghail, is i a’nochdadh aig fèisean cliùiteach leithid Tønder agus Celtic Connections.
Ceilidh Trail 2000 ‘S e Iain Somerville, à Obar Itheachain air Ghàidhealtachd, fear den luchd-ciùil as inntinniche ann an saoghal a’ chiùil Albannaich. Tha e air cliù a chosnadh airson a bhith a’ cumail dlùth-cheangal ris na freumhan traidiseanta aige agus aig an aon àm a’ toirt a-steach beachdan ùra don chluich-bhogsa aige. Tha John na chumadair-ciùil, na neach-rèiteachaidh agus na thidsear ainmeil, ag obair còmhla ri daoine fa leth agus buidhnean de gach aois. Tha e air a bhith ag obair le grunn chòmhlain agus chleasaichean a’ gabhail a-steach Treacherous Orchestra, Croft No. Five, Babelfish, Cask Strength Ceilidh Band agus Lori Watson.
Ceilidh Trail 2013 Ann an 2017, thòisich cliù Kim na seinneadair aonair nuair a chaidh a’ chiad EP aice ‘In Her Company’ a leigeil ma sgaoil. Bhon uairsin, tha Carnie, leis an ‘velvet voiced authority (The Scotsman), air a bhith na neach-labhairt seisein cunbhalach agus tha i air nochdadh ann an Outlaw King aig Netflix (2018) agus ann an clàr-fuaim geama coimpiutar airson Black Mirror (2017). O chionn ghoirid, tha Kim air a dhol còmhla ris a’ chòmhlan Mànran, a tha air iomadh duais a chosnadh, mar phàirt den sgioba chunbhalach aca.
Ceilidh Trail 2011 – 2013 ‘S e pìobaire à Poll Iùbh air Taobh Siar Rois a tha ann an Conal McDonagh. Tha buaidh air a bhith air ceòl Chonail bho àrach ann an Alba agus bho a dhualchas Èireannach. Bidh Conal a’ seinn na pìoba uilleann Èireannach a bharrachd air a’ phìob-mhòir agus pìob nan Crìochan, an fhìdeag agus an duiseal. Dh’ ionnsaich e ann an Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd is thug e a-mach Ceum sa Chiad Rang le Urram bho Chonservatoire Rìoghail na h-Alba. Tha Conal air cluich air feadh an t-saoghail le caochladh chòmhlain agus chuirmean. Bidh e fhathast ag obair còmhla ri luchd-ciùil ùr agus stèidhichte, nam measg Donnchadh Siosal, Cara Dillon agus The Paul McKenna Band. Bidh Conal a’ dèanamh ceòl agus a’ cluich còmhla ris a’ chòmhlan ùr, Inyal.
Ceilidh Trail 2015 Tha Iona Fife, à Siorrachd Obar Dheathain, a-nis air tè de na bana-sheinneadairean as fhèarr de dh’òrain mhòra ann an Alba, is tha a guth freumhaichte ann an seinn dualchas Ear-thuath na h-Alba. Ann an 2018, b’ i Iona an tè a b’ òige riamh a choisinn duais ‘Scots Singer of the Year’ aig ‘MG Alba Scots Trad Music Awards’.
Ceilidh Trail 2008 Tha Laura Wilkie na fìdhlear à Baile Dhubhthaich. Tha stoidhle air leth aice a tha fo bhuaidh traidiseanan fìdhle na Gàidhealtachd agus caochladh ghnèithean eugsamhail. Tha Laura air a dhol air chuairt air feadh an t-saoghail ann an grunn bhuidhnean chòmhlain dual-cheòl an latha an-diugh. Nam measg bha Kinnaris Quintet, an sàr-chluicheadair giotàir Iain Carr, Ross Ainslie, Salsa Celtica, Niteworks agus na seinneadairean Albannach Claire Hastings agus Siobhan Miller. Mar bhall stèidheachaidh a’ chòmhlain-chiùil Fat Suit à Glaschu, tha seo a’ brosnachadh Laura gu bhith cluich le beagan obair-sgrìobhaidh ann an diofar stoidhlichean, a’ toirt cothrom dhi an stoidhle seo atharrachadh anns gach pròiseact. Tha na co-obrachaidhean aice a’ gabhail a-steach cleasachd, sgrìobhadh, rèiteachadh: Shooglenifty, Man of the Minch, Rachel Sermanni, The Elephant Sessions, Paul Towndrow’s Keywork Orchestra, Fatherson agus the GRIT Orchestra.
Ceilidh Trail 2011 – 2012 Thogadh Innes White ann an Inbhir Pheofharain agus bha e an lùib ceòl traidiseanta bho aois òg. A bharrachd air Gàidhlig fhileanta, tha an t-eolas a tha aige air ceòl tro dhualchas làidir a theaghlaich agus gluasad na Fèise a’ toirt cothrom dha a sgilean a leasachadh agus adhartas a dhèanamh. Tha White air fear den luchd-ciùil ioma-ionnsramaid as comasaiche san dùthaich is tha e air còrr air 30 clàr a chlàradh. Tha e air a dhol air chuairt iomadh uair air feadh Bhreatainn is thall thairis a’ cluich a’ ghiotàir agus a’ mhandoilìn, is tha e air a bhith a’ cluich uaireannan air a’ phiàna, a’ bhouzouki agus air seinn cuideachd.
Mairearad Green
Renowned for her deft and lyrical accordion style, as well as her dextrous piping, Mairearad is in great demand not only as a performer, but also as a composer.
Often seen on stage alongside multi-instrumentalist Anna Massie, composer, Mike Vass, piping supergroup, Tryst and singer-songwriter, King Creosote.
Rachel Newton
Ali Levack
Chloë Bryce
Brìghde Chaimbeul
Sally Simpson
Josie Duncan
John Somerville
Kim Carnie
Conal McDonagh
Iona Fyfe
Laura Wilkie
Innes White