Caithream na Cruinne
Caithream na Cruinne: Leabhar òran digiteach
Tha sinn air ar dòigh a bhith a’ foillseachadh leabhar-òran digiteach Caithream na Cruinne: cruinneachadh de dh’òrain Ghàidhlig ùra a rinn com-pàirtichean òga a’ phròiseict mun àrainneachd is mun nàdar mu thimcheall orra.
Tha sinn a’ moladh gun seall sibh air a’ ghoireas seo air compiutair. Mas ann air fòn-làimhe a tha sibh ga choimhead, dean na leanas ach am faigh sibh èisteachd ri na clàraidhean fuaim:
- Briog air an dà saighead a th’ aig bonn na duilleige, air an làimh dheis.
- Bruth air ‘+’ triop neo trì
- Gluais an sgrìon ach am faic sibh am putain airson cluich – chi sibh am putain aig mullach dulleig gach òran, air an làimh dheis.
- Briog air a’ phutain agus fuirich corra diog gus an cluinn sibh an t-òran.
Sa chruinneachadh, tha òrain ùra le dòchasan is iomagain dhaoine òga a thaobh mun àrainneachd agus buaidh blàthachadh na cruinne aig cridhe a’ ghnòthaich.
‘S ann bho ar feadh Alba a tha na sgrìobadairean òga agus fhuair iad stiùireadh bho Mhàiri Anna NicUalraig agus Eòghann MacEunraig le sgrìobhadh agus clàradh nan òran.
Fosgail an leabhar agus chi sibh faclan, ceòl-sgrìobhte agus clàradh fuaim airson gach òran. Tha sinn an dòchas gun còrd e ribh a bhith gan ionnsachadh is gan gabhail. Ma dh’fhaodte gum misnich iad sibh a bhith a’ dèanamh ur n-òran fhèin!
’S e cothrom sònraichte a bh’ ann a bhith ag obair còmhla ri cuideigin cho tàlantach ri Eòghann MacEunraig ’s e a’ toirt taic dhomh fhad ’s a sgrìobh mi m’ òran. Tha e cho cudromach gun tog sinn ar guthan mar dhaoine òga, gu sònraichte leis gur ann nar làmhan-sa a tha dàn gnàth-shìde an t-saoghail.
Elissa Hunter-Dorans, com-pàirtiche a’ phròiseict
’S e co-obrachadh eadar Fèis Rois is NàdarAlba a bh’ ann an Caithream na Cruinne.