Co-obrachadh Bhietnam

Bha seachdain mhìorbhaileach againn nuair a thadhail ar n-aoighean ceòlmhor à Bhietnam oirnn air turas iomlaid eòlais a dh’Alba eadar 19 agus 26 Am Faoilleach 2026. Thadhail sgioba Fèis Rois roimhe air Baile Ho Chi Minh san Òg-mhios 2025, agus bha sinn air ar dòigh fàilte a chur air Bùi Văn Tân, Nguyễn Quang Hưng agus Nguyễn Thị Hải Phượng a dh’Alba.

Air an turas, fhuair an luchd-ciùil cothrom co-obrachadh a dhèanamh còmhla ri Mairearad Green agus Mike Vass, a bharrachd air a bhith a’ tadhal air clasaichean agus bùthan-obrach, Ionad Nàiseanta Pìobaireachd, Conservatoire Rìoghail na h-Alba agus Fèis Celtic Connections. Bha cèilidh agus consairt mìorbhaileach againn ann an Talla Àrd Rois cuideachd.

Muinntireas 2024

Le taic bho Comhairle Bhreatainn agus Alba Chruthachail, dh’obraich Fèis Rois còmhla ri Fèis Jazz Eadar-nàiseanta Ghlaschu gus luchd-ciùil à Bhietnam agus Alba a thoirt còmhla air mhuinntireas air a’ Ghàidhealtachd san Òg-mhios 2024, a thug cothrom dhaibh 3 consairtean sònraichte a thoirt dhuinn ann an Resolis, Ulapul agus Glaschu. 

Anns an Dàmhair 2023, bha Àrd-oifigear Fèis Rois, Fiona Dalgetty agus Jill Roger, Stiùiriche Fèis Jazz Eadar-nàiseanta Ghlaschu mar phàirt de bhuidheann à Comhairle Bhreatainn a thadhail air Bhietnam le amas a bhith a’ cruthachadh cheanglaichean agus chothroman airson iomlaidean agus co-obraichean a bharrachd.

Thachair Fiona agus Jill ri luchd-ciùil, luchd-ealain agus luchd-cruthachaidh iomraiteach agus dh’obraich iad còmhla gus cothrom a chruthachadh luchd-ciùil dùthchasach agus jazz à Alba agus Bhietnam a thoirt còmhla gus ceòl agus beachdan a cho-roinn air a’ Ghàidhealtachd mus do chuir iad cuirmean air dòigh san Eilean Dubh, ann an Ulapal agus ann an Glaschu. 

Dh’obraich Ali Levack à Baile Màiri, a bhuannaich Neach-ciùil Traidiseanta Òg BBC Radio Scotland ann an 2020 agus a bha roimhe a’ frithealadh Fèis Rois mar oileanach, còmhla ri Tom Bancroft a chluicheas ionnsramaidean-beuma agus cluicheadair sacsafon, Sue NicCoinnich tron mhuinntireas. Chaidh fàilte cuideachd a chur air còmhlan à Bhietnam, Đàn Đó agus air a’ chluicheadair sacsafon, Quyền Thiện Đắc.

Faic gu h-ìosal bhideo mun phròiseact agus cliop à Naidheachdan STV cuideachd.

To top