Tha e na thlachd dha Fèis Rois a bhith air ceann pròiseact a bhios a’ toirt fiathachadh dha luchd-ealain òga a bhith cruthachail nan coimhearsnachdan. Faighibh a-mach tuilleadh an seo.

Mu dhèidhinn
Chaidh an Com-pàirteachas a stèidheachadh ann an 2014 gus taic a thoirt do Ro-innleachd Ealain Nàiseanta na h-Òigridh, ‘Time to Shine’. B’ e an t-amas a bh’ aig a’ phròiseact, barrachd chothroman a thoirt do dh’òigridh aois 0-25 air tachartasan is obair ealain air feadh na sgìre thar chaochladh mheadhanan ealain lethid dannsa, ealain dhidseatach, dràma, film, litreachas, ceòl agus ealain lèirsinne.
Eadar 2014 agus 2016 thug Com-pàirteachas Ealain Òigridh na Gàidhealtachd (CEOG) na leanas gu buil: 12 pròiseact dearbhaidh a’ gabhail a-steach diofar mheadhanan ealain, grunn sheiseanan airson Leasachadh Proifeiseanta Leantainneach (CPD) do roinn nan ealain òigridh san fharsaingeachd agus ceithir tachartasan mòra a rinn taisbeanadh air ealain òigridh. Ghabh 5,765 daoine òga pàirt sna diofar iomairtean thairis air còrr is 30,000 uair a thìde agus chaidh còrr is 200 dreuchd a chruthachadh far an robh daoine ag obair air an ceann fhèin, agus b’ ann aig luchd-ealain òga 25 no nas òige a bha 47% de na dreuchdan sin.
Dh’fhoillsich CEOG Ro-innleachd Ealain Òigridh na Gàidhealtachd ann an 2017 airson 10 bliadhna, le còig prìomh amasan: so-ruigsinneachd, co-obrachadh, innleachdas, àite agus seasmhachd. Cumaidh Fèis Rois oirre ag obair còmhla ri caidreachas de thrì deug buidhnean ealain is òigridh gus an ro-innleachd seo a chur an sàs san ùine-fhada.
Chòrd e rium gu mòr a bhith a’ gabhail pàirt ann an Com-pàirteachas Ealain Òigridh na Gàidhealtachd. Bho ghabh mi pàirt ann an Càirdean is Coimhearsnachd, tha sin air iomadh doras fhosgladh dhomh agus iomadh cothrom a thoirt dhomh gus na sgilean agam a leasachadh agus choinnich mi tòrr dhaoine gasta.
Neach-ciùil a ghabh pàirt ann an Càirdean is Coimhearsnachd.