Festival Interceltique de Lorient
Tha Fèis Rois air Pàillean na h-Alba a chumail dà thuras aig an Festival Interceltique de Lorient ainmeil sa Bhreatainn Bhig. Tha an fhèis, a bhios a’ tarraing luchd-èisteachd de 750,000, air a meas gu farsaing mar an fhèis chiùil Cheilteach as motha san Roinn Eòrpa. Bidh an tachartas a’ dol aig an aon àm ris a’ phrìomh fhèis, agus tha e ann an ceàrnaidh mhòr de bhaile-mòr Lorient far a bheil gach dùthaich Cheilteach a’ taisbeanadh tàlant ùr ann am pùballan.
‘S e cothrom air leth a tha seo do chòmhlain a tha a’ tighinn am bàrr, a’ Chèilidh air Chuairt againne nam measg, a bhith ag obair air àrd-ùrlar eadar-nàiseanta agus a’ coinneachadh ri daoine à dùthchannan Ceilteach eile. A thuilleadh air a bhith a’ toirt cothrom do luchd-èisteachd Eòrpach dual-cheòl Albannach aig àrd-inbhe agus a’ Ghàidhlig a chluinntinn, tha e air a bhith air leth math co-obrachadh agus cothroman ùra fhaicinn a’ tighinn air adhart bho Fhèis Rois air Pàillean na h-Alba ann an Lorient.
Ann an 2019, chluich sianar luchd-ciùil à Alba còmha ri sianar luchd-ciùil às a’ Bhreatainn Bhig ann an co-obrachadh ùr a chaidh a chur air dòigh le Fèis Rois ann an co-bhoinn ri Festival Interceltique de Lorient. Dh’ oibrich an còmhlan Gàidhlig Sian, sa bheil na buill Eilidh NicCarmaig, Ellen Dhòmhnallach agus Ceitlin Lilidh, còmhla ri triùir sheinneadairean às a’ Bhreatainn Bhig gu ceòl a chruthachadh airson cuirm còmhla ann an Lorient. Còmhla ris a’ bhuidhinn bha luchd-ciùil às a’ Bhreatainn Bhig agus à Alba airson còmhlan de dhusan a chruthachadh, nam measg Donnchadh Siosal, Iarlath MacEanraig agus Seumas Ros.