Fòram Ciùil Òigridh na Gàidhealtachd
Chaidh Fòram Ciùil Òigridh na Gàidhealtachd a stèidheachadh ann an 2012 gus buidhnean is daoine fa leth a thoirt còmhla airson cothroman a thoirt do dhaoine òga (aois 0-25) pàirt a ghabhail ann an tachartasan ciùil air feadh na Gàidhealtachd. Bho chaidh am fòram a chur air bhonn, tha buidhnean a tha a’ toirt chothroman is seirbheisean do dh’òigridh air fiosrachadh a cho-roinn air làrach-lìn an Fhòraim agus air Twitter. Tro ‘mhapa ciùil’ tha sinn air buidhnean ùra, cothroman is tachartasan a chomharrachadh a tha gan cumail air a’ Ghàidhealtachd agus thathar a-nis gan cur ris an làrach-lìn air an duilleig, ‘Buidhnean’.
Às dèidh dhuinn maoineachadh fhaighinn bho Alba Chruthachail ann an 2017, tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ toirt tuilleadh leudachaidh air obair an Fhòraim agus leis a’ phròiseact, ‘ag obair is ag ionnsachadh còmhla’, thathar ag amas air luchd-solair is buidhnean a tha an sàs ann an ceòl òigridh a thoirt còmhla gus deagh mhodhan-obrach a cho-roinn le chèile, sgilean ùra ionnsachadh agus gàirdeachas a dhèanamh ris na th’ ann de rudan a’ dol air a’ Ghàidhealtachd a thaobh ciùil. Bidh na goireasan air-loidhne aig an Fhòram fhathast a’ cumail fios ri daoine is luchd-ciùil òga mu chothroman is tachartasan co-cheangailte ris gach seòrsa ciùil.
’S e pròiseact fo stiùir Fèis Rois a th’ ann am Fòram Ciùil Òigridh na Gàidhealtachd a tha a’ faotainn taic bho Alba Chruthachail is Comhairle na Gàidhealtachd.