ICO na Gàidhealtachd
Bidh sinn a’ co-òrdanachadh leasanan ceòl traidiseanta ann an 99 bun-sgoiltean air feadh Siorrachd Rois, Inbhir Nis agus Ghallaibh às leth Fèisean nan Gàidheal a bhios a’ stiùireadh a’ phròiseict seo do Chomhairle na Gàidhealtachd. Tha am pròiseact seo air a mhaoineachadh le Iomairt Chiùil na h-Òigridh.
Bidh sgioba èasgaidh de luchd-ciùil proifeiseanta a’ lìbhrigeadh bhùithtean-obrach do sgoilearan P5 agus iad ag ionnsachadh na fìdeig, mar a chluicheas iad ceòl còmhla, òrain Albais agus/no òrain Ghàidhlig.
Bidh an Fhèis a’ cuideachadh gu mòr le bhith a’ coileanadh ar builean ciùil. Tha na h-oidean ag ionnsachadh rudan do na sgoilearan a thaobh ceòl nach urrainn do thidsearan seach nach eil na sgilean no an t-eòlas aca. Rudan mar ag ionnsachadh ionnsramaid, a’ leughadh ceòl no a’ cluich do phàrantan. Tha na h-oidean a tha air a bhith againn o chionn ghoirid air a bhith làn spòrs, fìor fhiosrach air a’ cheòl aca agus nam brosnachadh mòr dhuinn. ’S fìor thoigh leam an t-adhartas fhaicinn a nì sgoilearan nach eil cho misneachail mu bhith a’ seinn ’s dòcha, leis an spòrs a th’ ann cha b’ e ruith ach leum agus bidh iad a’ togail an guth agus a’ dol an sàs anns gach nì gu sunndach, toilichte.
Tidsear aig aon de na clasaichean
Tha sinn air ar dòigh gu bheil daoine, a b’ àbhaist a bhith a’ dol gu Fèis Rois agus a fhuair cothroman ionnsachaidh tron phròiseact seo nan òige, iad fhèin a-nis am measg nan oidean ciùil airson a’ phròiseict seo.
Gus blasad de gach iomadh toradh a thig bho ICO na Gàidhealtachd fhaicinn is a chluinntinn, seo agaibh ceangal ri Latha Ciùil a’ BhBC a chuir sinn air dòigh còmhla ri Comhairle na Gàidhealtachd is Fèisean nan Gàidheal: