A bheil thu ag ionnsachadh na Gàidhlig? No a bheil thu ag iarraidh cothrom ga cleachdadh? Uill, nach tadhal thu air ar Cearcall Còmhraidh!
Bidh sinn a’ coinneachadh air a’ chiad Diluain de gach mìos eadar 6.30 – 7.30f thairis Zoom. Gach mìos, tha aoigh cuide rinn a bhios a’ bruidhinn air cuspair a tha iad fhèin air taghadh agus tha cothrom ceistean a chur orra. ‘S e deagh chothrom a th’ ann airson a bhith a’ bruidhinn na Gàidhlig le daoine tuigseach is taiceil. Oh agus tha na seiseanan an-asgaidh!
Airson clàradh, nach sgriobh sibh gu TJ.
An-ath sheisean: Diluain 5mh den Òg Mhìos 2023
Bidh Coinneach MacCoinnich nar cuideachd. Tha torr ùidh is eòlas aig Coinneach ann an teagasg na Gàidhlig agus a’ cumail taic ri sgoilearan le feumlachdan a bharrachd. Tha sgeulachdan aige cuideachd mu dheidhinn a bhith ag obair thall-thairis.
Diluain 3mh den Iuchar 2023: Aoidh ri aontachadh
Diluain 4mh den t-Sultain 2023: Aoidh ri aontachadh