Tachartasan Còmhnaidh do Dhaoine Òga

Tha na tachartasan còmhnaidh Gàidhlig againn nan deagh chothrom do dhaoine òga deireadh seachdain a chur seachad còmhla agus iad fhèin a bhogadh sa Ghàidhlig. Bidh sinn a’ tabhann roghainn de bhùithtean-obrach, sheiseanan agus chur-seachadan, uile tro mheadhan na Gàidhlig agus air a lìbhrigeadh le sàr luchd-oideachaidh. Bidh an ath dheireadh-sheachdain còmhnaidh a’ tachairt aig Badaguish Outdoor Centre, 19/06/2026 – 21/06/2026.

.

Gaelic music, drama & film-making weekend

Join us for an exciting weekend of creativity, collaboration and Gaelic language at Badaguish Outdoor Centre from 5pm Friday 19th – 5pm Sunday 21st June 2026.

Open to all young people in P7 – S4, this residential weekend offers a unique opportunity to develop skills in music, drama and film-making while spending time with other young people in a Gaelic environment. The weekend is open to fluent speakers in P7 – S4 & Gaelic learners in S3 – 4.

Participants will take part in a range of inspiring workshops, including:

  • Gaelic song, music and group work with Rona Wilkie and Eoin Cumming
  • Drama and storytelling with Artair Donald
  • Camera skills and film-making with Astar Media
  • A professional music recording session 

Set amongst the stunning surroundings of the Cairngorms National Park, the weekend is a fantastic chance to build confidence, make new friends and learn new creative skills through Gaelic. By the end of the weekend, participants will have recorded and produced their own music video. Previous residential events have created outstanding films, including Òran, which has been nominated for an award at this year’s FilmG Competition.

We are grateful to Bòrd na Gàidhlig and Astar for support towards this event.

Tha sinn taingeil do Bòrd na Gàidhlig airson taic-airgid mu choinneamh nan deireadh-seachdainean a leigeas le teaghlaichean a phàigheadh nas urrainnear dhaibh.

Air an fhoirm chlàraidh, chì sibh ceithir roghainnean pàighidh, a’ tòiseachadh aig “Cha tèid agam air rud sam bith a phàigheadh agus bu thoigh leam àite an-asgaidh fhaighinn.” Ma ‘s urrainn dhuibh barrachd a phàigheadh, an uair sin tha roghainnean agaibh £25, £50, £75, £100, no £125 a phàigheadh. Tha £125 a’ riochdachadh cosgais airson dà oidhche àite-fuirich, biadh, teagasg tron latha, stuth airson na bùthan-obrach agus cur-seachadan air an oidhche.Tha sinn ag iarraidh gun tèid aig gach pàiste air brath a ghabhail air a’ chothrom seo, agus faodaidh sibh an roghainn pàighidh a fhreagras oirbh a thaghadh.Faodar pàigheadh airson na deireadh-seachdainean ann an cuibhreannan. Nam bu thoil leibh pàigheadh san dòigh seo, cuiribh fios air Lorraine.

Ma tha duilgheadasan sam bith agaibh leis an fhoirm, feuch gun cur sibh fios air Sophie agus feuchaidh i do chuideachadh.

Nithean a bu chòir a thoirt leibh:
• Botail uisge as urrainn dhuibh a dh’ath lionadh.
• Aodach blath (layers) is freagarrach airson side frasach.
• Cungaidh-leighis (medication), mas fhreagarrach.
• Toiletries
• Hairdryer, mas fhreagarrach.
• Aparan is seann lèine-t no lèine-t spare ma tha sibh a’ taghadh chòcaireachd
• Ionnsramaid–ciùil agus / no ur guth seinn ma tha sibh a’
dèanamh obair-bhuidhne. Bheir sinn ionnsramaidean-beum leinn air an
deireadh-seachdain. Cuiribh fios air Sophie mu dheidhinn a bhith a’ faighinn
iasad air ionnsramaid eile airson na deireadh-seachdain.

Nithean nach fheumar a thoirt leibh:
• Searbhadairean & anart-leapa.
• Biadh o chionn ‘s gum bi an leithid ann ach faodar beagan airgid a thoirt
leibh ma thogras mas e ‘s gun nochd cothrom airson a dhol dhan bhùth.

Gu mi-fhortanach, ‘s ann shuas an staidhre a tha na seòmraichean-cadail ‘s mar sin, chan eil e freagarrach do chathair-chuibhle mar eisimpleir. Air a’ bhun-lar, tha taigh beag ruigsinneachd, an cafe far am bi lunch is breaks agus da sheomar a tha sinn an duil a dh’uisneachadh air cocaireachd is obair-bhuidhne. Cuiribh fios air Sophie a bhios tuilleadh is deonach a’ bruidhinn leibh mu dheidhinn.

Ma tha ceist sam bith eile agaibh mun deireadh-sheachdain, cuir fios gu: sophie.stephenson@feisrois.org

To top