Fѐis Òigridh (An Giblean)


Prìsean & Clàradh

Tha sinn air cumadh nan tachartasan seo atharrachadh gus an dèanamh nas saoire do theaghlaichean agus gus cunnart a lùghdachadh gun caill Fèis Rois airgead orra aig an àm seo. Gun chosgais a bharrachd an lùib tachartas làn-chòmhnaidh a chumail, ’s urrainn dhuinn an t-seachdain seo fhàgail na thachartas “pàighibh nas urrainn dhuibh”.

Chì sibh ceithir roghainnean pàighidh, a’ tòiseachadh aig “Cha tèid agam air rud sam bith a phàigheadh agus bu thoigh leam àite an-asgaidh fhaighinn”. Ma thèid agaibh air barrachd a phàigheadh, tha roghainnean agaibh £50, £75, no £100 a phàigheadh. Tha £100 a’ riochdachadh cosgais £25 san latha airson teagasg bho 10m-3.30f.

Tuigidh sinn nach tèid aig cuid a dhaoine pàigheadh airson nan àiteachan sin. Tha sinne ag iarraidh gun tèid aig gach pàiste brath a ghabhail air a’ chothrom seo, agus faodaidh sibh an roghainn pàighidh a fhreagras oirbh a thaghadh.


Tha na h-oidean air fad againn sgileil, proifeiseanta, comasach is fiosrach agus tha eòlas aca air a bhith ag obair le òigridh. Tha sgioba de luchd-aire is luchd-obrach saor-thoileach againn cuideachd a chuidicheas le bhith a’ ruith nan tachartasan againn. Tha an òigridh fo stiùir an luchd-obrach fad an t-siubhail agus bidh sinn ag obair a rèir nan Stiùiridhean airson Dìon Chloinne is Slàinte is Sàbhailteachd. Tha a h-uile neach-obrach againn nam ball den Sgeama PVG air a ruith le Foillseachadh Alba. Tha e na dhealas dhuinn ceòl traidiseanta a dhèanamh fosgailte dhan h-uile duine. Nam bu toigh leibh bruidhinn rinn ann an dìomhaireachd mu thaic do luchd-ionnsachaidh le feumalachdan no air so-ruigsinneachd shònraichte dha ur cuid chloinne, chan eil agaibh ach fios a chur gu Fiona no innse dhuinn nuair a thèid am foirm-clàraidh a lìonadh

It was great fun. The tutors were kind and I made lots of friends.

2017 participant

Tha sinn gu mòr a’ dèanamh fiughair ri seachdain spòrsail anns am bi Gàidhlig, ceòl, òrain, dràma agus ealan. Seo dhuibh prìomh fhiosrachadh do chom-pàirtichean clàraichte. Nota: chan e cùrsa còmhnaidh a tha sa chùrsa seo agus ruithidh e bho Dhiluain gu Diardaoin a-mhàin (cha ruith an Fhèis Dihaoine, mar a b’ àbhaist).

A’ tighinn agus a’ falbh gach latha

Chan e cùrsa còmhnaidh a tha seo agus feumar com-pàirtichean fhàgail agus a thogail a-rithist gach latha.  Feumaidh pàrant/neach-cùraim clann aig aois bun-sgoile a chlàradh a-steach agus a-mach gach latha. 

Tha cead aig daoine òga aig ìre àrd-sgoile tighinn agus falbh leotha fhèin ach feumaidh iad clàradh a-steach agus a-mach gach latha.  Bu chòir dhan a h-uile duine a bhith ann eadar 9.45 agus 10m gach madainn. Thig bùthan-obrach gu ceann aig 3.30f gach latha. Bidh luchd-obrach Fèis Rois a’ toirt cùram do na com-pàirtichean air fad agus bheir iad seachad taic le duilgheadasan sam bith a dh’èireas fhad is a tha iad còmhla rinn.

Dè bu chòir do chom-pàirtichean a thoirt leotha?

Bu chòir dhut na leanas a thoirt leat don Fhèis:

  • Bogsa-bìdh gach latha. Cha bhi biadh susbainteach ann, ged a bhios measan agus briosgaidean againn, a bharrachd air sùgh agus uisge
  • Sgeilp-ciùil le d’ ainm oirre, nam b’ fheàrr leat a bhith ag ionnsachadh le ceòl an àite a bhith ag ionnsachadh san t-seann nòs
  • Botal uisge
  • Leabhar-sgrìobhaidh agus peann no inneal air am b’ urrainn dhut notaichean a chumail fhad is a tha thu ag ionnsachadh

Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith gad fhaicinn aig an Fhèis.


TIMETABLE

10am – 10.30am Arrive and whole Fèis song

10.30am – 11.30am First choice

11.30am – 11.45am Break

11.45am – 12.45pm Second choice

12.45pm – 1.30pm Lunch

1.30pm – 2.30pm Third choice

2.30 – 2.45pm break

2.45pm – 3.30pm Fourth choice and end at 3.30pm

TIMETABLE

10am – 10.30am Arrive and whole Fèis song

10.30am – 11.30am First choice

11.30am – 11.45am Break

11.45am – 12.45pm Second choice

12.45pm – 1.30pm Lunch

1.30pm – 2.30pm Third choice

2.30 – 2.45pm break

2.45pm – 3.30pm Fourth choice and end at 3.30pm

TIMETABLE

10am – 10.30am Arrive and whole Fèis song

10.30am – 11.30am First choice

11.30am – 11.45am Break

11.45am – 12.45pm Second choice

12.45pm – 1.30pm Lunch

1.30pm – 2.30pm Third choice

2.30 – 2.45pm break

2.45pm – 3.30pm Fourth choice and end at 3.30pm

To top