Buaidh agus Luachadh

Gu tric ‘s ann a tha obair Fèis Rois na clach-bhunait ann am beatha dhaoine, na faireachadh buintealais agus na ceangal domhainn ri àite. Meudaichidh i misneachd, an dà chuid aig ìre phearsanta agus aig ìre coimhearsnachd agus cultarach. Tha buaidh mhath aice air builean foghlaim, cor beò-shlàinte agus slàinte is sunnd. Tha grunn aithisgean buaidh agus rannsachaidhean luachaidh neo-eisimileach air obair Fèis Rois gan sealltainn gu h-ìseal.

Tron phrògram aice fad na bliadhna, bidh Fèis Rois a’  glacadh cloinne is òigridh, inbhich a tha ag ionnsachadh, agus mòran daoine aig nach biodh an cothrom sgilean ionnsachadh ann an dual-cheòl no com-pàirt a ghabhail ann an gnìomhan ealain, mura b’ e seo, nam measg òigridh ann an cùram is daoine le ciorram.

Tha an fhianais a’  sealltainn tron obair eadar-ghinealach aig Fèis Rois gun cruthaichear càirdeas, gum faighear spòrs is gun lùghdaichear aonaranachd.

Tha a’ bhuil air an luach àrd a chuireas a’ choimhearsnachd ionadail air obair Fèis Rois ri faicinn leis an iomadach cuireadh a gheibh a’  bhuidheann airson luchd-ciùil a chur gu tachartasan sònraichte, làithean-fèille coimhearsnachd no tachartasan mòra spòrs.

Ann an 2021/22, le taic airgid bho Fhèisean nan Gàidheal, thug Fèis Rois coimisean do Steve Westbrook is do Shandaidh MacAnndrais rannsachadh neo-eisimleach buaidh a ghabhail os làimh air obair na buidhne. Leughaibh toradh an obrach an seo

Chaidh Pròiseact Thàlaidhean Fèis Rois, Tàlaidhean Ùra, a mhaoineachadh an toiseach le Spiorad 2012, a chaidh e fhèin a stèidheachadh mar urras neo-eisimleach le Maoin Coimhearsnachd a’ Chrannchuir Nàiseanta ann an 2013 airson togail air dìleab Geamaichean Lunnainn 2012. Tha Spiorad 2012 a’ creidsinn nach e sochair a-mhàin a tha ann an sonas ach gu bheil e riatanach. Thug iadsan coimisean don What Works Centre for Wellbeing gus sùil a thoirt air eisimpleirean bho dheich pròiseactan a fhuair maoin bho Spiorad 2012 airson faighinn a-mach ‘ciamar’ is ‘carson’ a leasaicheas gnìomhan cruthachail sunnd. Bha Pròiseact Tàlaidhean Ùra Fèis Rois air fear de na pròiseactan seo:

Fhuair an rannsachadh:

  • Gun do dh’innis a h-uile pròiseact gun tàinig piseach air sunnd
  • Gun do dh’innis na pròiseactan gun robh sunnd is aigne gheanail ann, barrachd misneachd is fèin-mheas, agus gun deach aonaranachd a lùghdachadh am measg thoraidhean eile.
  • Gun robh ochd slighean cruthachail gu sunnd – cothlamadh de shuidheachaidhean is de dh’innleachdan a dhèanadh diofar.

Faodar an aithisg a sheallas na dòighean anns an tug pròiseactan cruthachail buaidh air sunnd a leughadh an seo.

Bho thòisich am pròiseact, tha Fèis Rois air a bhith ag obair còmhla ri Ionad na Slàinte Dùthchail ann an Oilthigh Obar Dheathain airson buaidh Pròiseact nan Tàlaidhean Ùra a luachadh. Chaidh an aithisg gu h-ìseal fhoillseachadh ann an 2023 agus ‘s e a tha ann ach rannsachadh càileachdach air mar a dh’fhiosraich aon bhuidheann de mhàthraichean Pròiseact nan Tàlaidhean. Seallaidh i aig toiseach a’  phròiseict gur ann a bha sunnd inntinn 50% de na màthraichean os cionn ìre àbhaisteach na RA. Aig deireadh a’  phròiseict, ‘s ann a bha sunnd inntinn aig 100% de na màthraichean os cionn ìre àbhaisteach na RA. Leughaibh an aithisg le Oilthigh Obar Dheathain an seo.

Ann an 2021, chaidh taic-airgid Maoin Ealan Òigridh a thoirt do dh’Fhèis Rois bho Alba Chruthachail gus sreath luchd-ealain chòmhnaidh a chur air chois airson a bhith ag obair còmhla ri clann is òigridh air feadh Comhairle na Gàidhealtachd. Thug Fèis Rois coimisean don Oll. Ania Zubala bho Roinn Slàinte Dhùthchail is Sunnd ann an Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean gus luachadh neo-eisimleach a ghabhail os làimh air a’ phròiseact. Leughaibh luachadh a’  phròiseict aice a bha a’ sònrachadh sunnd an seo.

To top