Cluich Rois
A bheil sibh a’ cluich ceòl traidiseanta Albannach? A bheil sibh airson na sgilean agaibh a thoirt chun na h-ath ìre agus a bhith a’ cluich còmhla ri cuid eile a tha den aon bheachd?
Tha na seiseanan mìosail againn, Cluich Rois, airson cluicheadairean òga aig ìre eadar-mheadhanach+ a tha airson a bhith a’ cur ris an stòras a th’ aca, na modhan-cluiche aca a leasachadh agus a bhith a’ coinneachadh ri deagh charaidean ùra aig an aon àm. Bidh grunnan chothroman agaibh a bhith a’ cluich air beulaibh luchd-èisteachd tron bhliadhna air feadh Siorrachd Rois. Chan eil cosgais idir an lùib a’ chothroim seo!
Tha seo fosgailte do dhaoine òga eadar ÀS1 agus ÀS6. Bidh sibh cofhurtail ann a bhith a’ cluich measgachadh farsaing de phuirt thraidiseanta aig deagh ìre agus bidh sibh deiseil barrachd ionnsachadh mu cho-sheirm, chòrdan agus mu rèiteachadh-ciùil. Gheibh sibh fàilte chridheil ge b’ e dè an ionnsramaid a tha sibh a’ cluich!
Cuin? A’ chiad Didòmhnaich de gach mìos 11m – 3f. Càite? Taigh MhicDhonnchaidh
Nam biodh sibh airson barrachd fhaighinn a-mach, cuiribh post-d gu Marisa Astill-Brown.
Cinn-là 2025/26
- Didòmhnaich 7An t-Òg-mhios 2026
- Didòmhnaich 5An t-Iuchar 2026
- Didòmhnaich 2An Lùnastal 2026
- Didòmhnaich 6An t-Sultain 2026
- Didòmhnaich 4An Dàmhair 2026
- Didòmhnaich 1An t-Samhain 2026

