Creative Series: Spring’s Awakening
These workshops will give people the opportunity to get involved in something creative, through the medium of Gaelic – open to all abilities, from learner to fluent speaker, everyone is welcome.
We are kicking off the spring series in April.
Bùth-Obrach Cyanotype le Angela NicMhaoilein
Carson nach tig sibh gu seisean cruthachail airson pròiseas saidhean-chlò ionnsachadh? Mas e ’s gu bheil thu air seo a dhèanamh roimhe no ma tha e gu tur ùr dhuibh, gheibh sibh taic aig gach ceum.
Bidh cothrom ann diofar rudan fheuchainn le saidhean-chlò, seann phròiseas togail dhealbhan, a bhios a’ cleachdadh solas na grèine gus dealbhan àlainn gorm is geal a chruthachadh. Bidh a h-uile càil a dh’fheumas sibh agam dhuibh, ach faodaidh sibh rudan beaga sam bith (leithid lace, duilleagan, no flùraichean) a thoirt leibh airson an dreach agaibh fhèin a chur air ur dealbhan. Dìreach dèan cinnteach gun cuir sibh seann aodach oirbh air eagal ‘s gum fàs sibh salach!
- 1 An Giblean 2026, 7pm-9pm
- Taigh MhicDhonnchaidh, Sràid a’ Chnuic Ghlais, Inbhir Pheofharain
- £10 suggested minumum donation

Tha Angela NicMhaoilein na neach-ealain stèithichte ann an Inbhir Nis a tha ag obair le measgachadh de mheadhanan a’ gabhail a-steach dath-uisge, inc, acrylic, saidhean-chlò agus obair-ghrèis. Tha an ealain aice a’ comharrachadh bòidhchead agus lùth a gheibhear ann an nàdar, a tha a’ brosnachadh tuigse agus aire air na cruthan-tìre far a bheil sinn a’ fuireach. Bidh seanfhacail agus faclan òrain Gaidhlig gu tric a’ nochdadh san obair aice a’ dearbhadh beairteas cultarail is cànanach na h-àrainneachd aice.
Bùth-obrach
A bheil sibh a’ sireadh misneachd gus a’ Ghàidhlig a th’ agaibh a chleachdadh?
A bheil sibh troimh-chèile, a’ smaoineachadh “Ciamar a nì daoine seo?” no “Chan urrainn dhomh!” ’S urrainn gu dearbh! Cuidichidh an seisean dà-phàirt seo sibh gus misneachd a thogail ann a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig a th’ agaibh.
Cluinnibh sgeul Margaret Fay Shaw, nighean òg à Ameireagaidh a thàinig a dh’Alba leatha fhèin ann an 1920. Thàinig i airson bliadhna sgoile, chuala i Gàidhlig airson a’ chiad turais agus cho-dùin i sa bhad barrachd ionnsachadh. Chaidh i dha na h-Eileanan Siar far an robh i troimh-chèile agus air a dòigh leis a’ Ghàidhlig mun cuairt oirre. Dh’ionnsaich i a’ chànan agus chuir i seachad a beatha a’ cruinneachadh òrain is sgeulachdan. Ma b’ urrainn dhi-se, ’s urrainn dhuinne cuideachd!
Sa chiad phàirt den t-seisean leughaidh Fiona às an leabhar-beatha ùr mu Mhairead, The Cadence of a Song. Èistibh ri sgeulachdan Mhairead, cluinnibh abairtean agus faicibh dealbhan – a’ dèanamh ceanglaichean ris a’ chànan. Faodaidh sibh bruidhinn cho mòr no cho beag ’s a tha sibh toilichte leis, no dìreach èisteachd. Èist!
San dàrna pàirt bidh cothrom agaibh òran no dhà ionnsachadh a chruinnich Mhairead ann an Uibhist a Deas sna 1930an, le sèistean furasta ri sheinn. Cluinnibh mar a thug i cunntas air a’ chiad luadh a chunnaic i, agus feuchaibh ri clò a luadh fhèin. Dèan!
Seisean socair, gun bhrùthadh – òran no dhà, sgeul no dhà. Thigibh còmhla ri Fiona J NicChoinnich airson seisean de Ghàidhlig, òran agus ìomhaigh.
Tha fàilte air a h-uile duine – Fàilte!
- 6 A’ Chèitean 2026, 7pm-9pm
- Taigh MhicDhonnchaidh, Sràid a’ Chnuic Ghlais, Inbhir Pheofharain
- £10 suggested donation

Rugadh agus thogadh Fiona J. NicChoinnich ann am Moireibh agus tha i a-nis a’ fuireach ann an Inbhir Pheofharain. Cheumnaich i bho Oilthigh Obar Dheathain le ceum ann an Eachdraidh na h-Alba agus Ceòl, agus rinn i ceum Maighstireachd ann an Sgrìobhadh is Coileanadh Òrain Ghàidhlig aig Oilthigh na h-Alba an Iar — cearcall òrain stèidhichte air a’ ghleann bheag far an robh Mairead Fhaigh Shaw a’ fuireach fad faisg air sia bliadhna. Tha i air a bhith ag obair mar neach-rannsachaidh òrain Ghàidhlig agus mar neach-cruthachaidh airson còrr is trithead bliadhna, agus choisinn i Bonn Òir An Comunn Gàidhealach airson seinn aon-neach ann an 2005. O chionn ghoirid bha i na Tasglannaiche aig Tasglannan Òrain is Beul-aithris Taigh Chanaigh fad naoi bliadhna. Tha Fiona air òraidean a thoirt seachad air Teaghlach Chaimbeul Chanaigh air feadh an t-saoghail, agus tha i ag aithneachadh gur iad a bhrosnaich i gu dreuchd ann an Dualchas agus Cànan na Gàidhlig. Dh’fhoillsich i a beath-eachdraidh air Mairead Fhaigh Shaw, “Cadence of a Song”, ann an 2025.
Bùth-obrach
A bheil ùidh agaibh ann a bhith a’ toirt beatha ùr do sheann aodach is criomagan aodaich?
A bheil seann bhaga tote no pìosan aodaich agaibh nach eil sibh a’ cleachdadh tuilleadh? Bheir an bùth-obrach practaigeach seo eòlas dhuibh air appliqué agus upcycling, air a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig.
Thigibh còmhla ris an te-fuaigheal Órla Ní Eadhra airson seisean cruthachail far an ionnsaich sibh dòighean sìmplidh appliqué a chleachdadh gus nithean làitheil a sgeadachadh agus ath-nuadhachadh. Anns a’ chiad phàirt den t-seisean, seallaidh Órla diofar stoidhlichean appliqué, agus an uair sin bidh cothrom agaibh fhèin na dòighean fheuchainn air rud mar bhaga tote no pìos aodaich.
Le fòcas air so-seasmhachd agus cruthachalachd, thathar a’ brosnachadh chom-pàirtichean criomagan aodaich no rud sam bith a bu toil leibh sgeadachadh a thoirt leibh. Ro dheireadh an t-seisein bidh sgilean agaibh gus cumail a’ dol le appliqué aig an taigh.
Tha am bùth-obrach fosgailte do gach ìre sgil – gheibh luchd-tòiseachaidh stiùireadh air na bunaitean, agus faodaidh feadhainn le barrachd eòlas diofar dhòighean fheuchainn. Bidh stuthan agus innealan rim faotainn cuideachd.
- 3 An t-Ògmhios 2026, 7-9pm
- Taigh MhicDhonnchaidh, Sràid a’ Chnuic Ghlais, Inbhir Pheofharain
- £10 suggested minimum donation

Tha Órla Ní Eadhra na neach-fuaghail à Inbhir Nis agus na h-oileanach a’ dèanamh ‘Performance Costume’ aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tha i air a bhith a’ fuaghail fad iomadh bliadhna agus tha ùidh mhòr aice ann am fasain seasmhachd.
Ghabh i pàirt sa phrògram Great Britsh Sewing Bee air BBC 1 ann an 2025 far an robh i fòrtanach an cuairt deireannach a ruiginn.

