Club Fèis (Fo Chùram)
Tha fadachd oirnn gus am bi Club Fèis ùr mìosail againn do chloinn is do dh’òigridh ann am B-s 4 – À-s 3 a tha no a bha fo chùram. A’ gabhail àite a’ chiad Di-Dòmhnaich de gach mìos ann an Ionad Coimhearsnachd Inbhir Pheofharain, ‘s e deagh chothrom a tha sna seiseanan an-asgaidh a tha seo air eòlas a chur air ceòl a dhèanamh, geamannan a chluich, càirdean ùra a dhèanamh is spòrs a bhith agad. Chan fheum eòlas a bhith agad air ceòl roimhe. Bidh seisean Thig is Feuch againn Didòmhnaich 2 Òg-mhìos, agus sin agad cothrom tighinn is faicinn cò mu dheidhinn a tha e!
Bidh na seiseanan an asgaidh air na làithean a leanas:
- Dìdòmhnaich 2 Òg-mhìos
- Dìdòmhnaich 1 Sultain
- Dìdòmhnaich 6 Damhair
- Dìdòmhnaich 3 Samhain
- Dìdòmhnaich 1 Dùbhlachd
- Dìdòmhnaich 5 Faoilleach 2025
- Dìdòmhnaich 2 Gearran 2025
- Dìdòmhnaich 2 Màrt 2025
- Dìdòmhnaich 6 Giblean 2025
- Dìdòmhnaich 4 Cèitean 2025
- Dìdòmhnaich 1 Òg-mhìos 2025
Tha sinn taingeil airson taic bho Mhaoin Cothrom air Dèanamh Ceòl aig Iomairt Ceòl na h-Òigridh de Riaghaltas na h-Alba, air a stiùireadh le Alba Chruthachail, a chuir nar comas na seiseanan seo a chumail.
Airson tuilleadh fiosrachaidh no airson clàradh, feuch gun cuir thu post-d. gu Tj Bawden: tj.bawden@feisrois.org.
