Lasair Cruthachail a’ Gheamhraidh: Cruthaich, Cànan, is Ceangal

We’ve launched a new series of creative workshops to keep us all going through the winter evenings!

These workshops will give people the opportunity to get involved in something creative, through the medium of Gaelic – open to all abilities, from learner to fluent speaker, everyone is welcome.

We are kicking off the winter series in November.

Duilleagan Foghair le Angela NicMhaoilein

Mu dheidhinn Angela

Tha Angela NicMhaoilein na neach-ealain stèithichte ann an Inbhir Nis a tha ag obair le measgachadh de mheadhanan a’ gabhail a-steach dath-uisge, inc, acrylic, saidhean-chlò agus obair-ghrèis. Tha an ealain aice a’ comharrachadh bòidhchead agus lùth a gheibhear ann an nàdar, a tha a’ brosnachadh tuigse agus aire air na cruthan-tìre far a bheil sinn a’ fuireach. Bidh seanfhacail agus faclan òrain Gaidhlig gu tric a’ nochdadh san obair aice a’ dearbhadh beairteas cultarail is cànanach na h-àrainneachd aice.

Bùth-obrach

Sa bhùth-obrach seo, nì sinn sgrùdadh air cumaidhean is pàtranan duilleagan foghair, a’ cleachdadh innealan simplidh airson an coltas a bhrùthadh ann an pìosan boga meatailte. Bidh na stùthtan gu lèir is na h-innealan air an toirt seachad, (ach bheir leibh na duilleagan agaibh fhèin ma thogras sibh) ’s thèid sibh dhachaigh le na pìosan àlainn a chruthaicheas sibh. Chan fheum eòlas sam bith a bhith agaibh air a’ chuspair, ‘s chan fheum thu a bhith math air dealbhan a dhèanamh a bharrachd, dìreach miann agus ùidh rudeigin ùr fheuchainn agus toileachas fhaotainn bho a bhith a’ cruthachadh le do làmhan. 

Prìs a’ bhùth-obrach – £15, stuthan mar phàirt dhe.

Mu dheidhinn Kirsty

Tha Kirsty a-nis a’ ruith an gnìomhachas flùraichean aice fhèin, Flùrag Floral Design, às dèidh dhi a bhith ag obair mar thidsear Ghàidhlig ann am bun-sgoil ann an Glaschu. Tha i a-nis air gluasad air ais don Ghàidhealtachd far a bheil i a’ cruthachadh flùraichean airson bainnsean agus tachartasan, agus a’ ruith bùthan-obrach tron bhliadhna ann an Gàidhlig agus Beurla.  

Bùth-obrach

Thigibh còmhla rinn airson bùth-obrach fhleasgan Nollaig, far am bi sinn ag obair le measgachadh de dhuilleagan ùra a’ gheamhraidh agus rudan fèilleil airson na fleasgan a sgeadachadh. Bidh e na fheasgar spòrsail, socair, agus is dòcha gun ionnsaich sibh beagan briathrachas ùr cuideachd! Aig deireadh na bùth-obrach bidh fhleasg fhèin agad ri thoirt dhachaigh.

3 An Dùbhlachd, Taigh MhicDhonnchaidh, Sràid a’ Chnuic Ghlais, Inbhir Pheofharain

Prìs a’ bhùth-obrach – £45. 

Mu dheidhinn Calum

Rugadh agus thogadh Calum L. MacLeòid ann an Inbhir Nis agus tha ceanglaichean làidir aige ri Barraigh, gu h-àraid ceann a tuath an eilein. Rinn e ceum ann an Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu. Bidh e a’ sgrìobhadh nobhailean, dealbhan-cluiche, bàrdachd agus sgeulachdan ghoirid. ‘S e fear-naidheachd aig a’ BhBC a th’ ann cuideachd. 

Bùth-obrach

Buth-obrach sgrìobhaidh airson sgrìobhadairean no neach sam bith le ùidh ann a bhith feuchainn sgrìobhadh cruthachail. Bheir sinn sùil air cruthachadh sgeulachdan inntinneach, caractaran tarrainneach agus mar a chleachdas sinn ar beatha fhèin gus ar sgrìobhadh a neartachadh. ‘S ann tro mheadhan na Gàidhlig a bhios an tachartas seo ga lìbhreagadh. 

25 An Gearran 2025, Taigh MhicDhonnchaidh, Sràid a’ Chnuic Ghlais, Inbhir Pheofharain

Prìs a’ bhùth-obrach – £15. 

To top