Cèilidh air Chuairt

Chan eil sinn a’ gabhail iarrtasan Cèilidh air Chuairt 2023 tuilleadh.

Faodar cur a dh’iarraidh pàirt a ghabhail ann an Cèilidh air Chuairt Fèis Rois, obair phàighte as t-samhradh a’ dol air chuairt air feadh na dùthcha fad ceithir seachdainean bho 17 Iuchar gu 12 Lùnastal, is cuideachd seachdain oideachaidh bho 10 – 14 Iuchar. Tha Cèilidh air Chuairt fosgailte do luchd-dual-chiùil òg eadar 16-25 bliadhna dh’aois a chuireas seachad an samhradh a’ cluiche ceòl, a’ siubhal air feadh Alba is thall thairis, agus a chuireas eòlas air cluich an ìre mhaith sa h-uile h-àite fon ghrèin!

Am-bliadhna tha sinn a’ tabhann àiteachan do dheichnear luchd-ciùil òg. Thèid tuarastal de £1,250 a phàigheadh dhut agus gheibh thu gach biadh, àite-fuirich is siubhal. Tha dùil againn gum bi thu an làthair fad na cuairte agus fad na seachdain oideachaidh agus tha làithean dheth sa chlàr-chluiche far an rachadh tu dhachaigh. Air a’ chuairt, bidh taic agad fad na h-ùine bho oide-taice Cèilidh air Chuairt a bhios na stiùradair carbaid is na neach-taice, is cuideachd bho cho-òrdanaiche a’ phròiseict.

Airson cur a-steach, tha dùil gun cluich thu inneal-ciùil no gun seinn thu aig sàr-ìre agus bhiodh dùil againn gum biodh beagan eòlais agad air nochdadh air beulaibh luchd-èisteachd. A bharrachd air cluich no seinn, bidh thu cuideachd a’ bruidhinn mun cheòl ro-làimh, a’ gairm nan dannsaichean cèilidh agus ag obair còmhla ris a’ chòmhlan agad a’ cur air dòigh PA mar sin tha e riatanach gu bheil eòlas air choreigin agad air neo gu bheil thu deònach ionnsachadh.

Dòigh air Cur Mu Dheidhinn:

Ceann-là iarrtasan: An Gearran 5, meadhan-oidhche.

Cuiridh sinn a-mach cuiridhean chun na deuchainn-chluiche ro 8 Gearran aig a’ char as fhaide.

Thèid na deuchainnean-cluiche a chumail ann an Ionad Coimhearsnachd Inbhir Pheofharain, Disathairne 18 Gearran, bho 10.00m.-4.00f.

‘S e a bhios san deuchainn-chluiche ach aon no dhà inealan-ciùil no guth-seinn, agus agallamh goirid. Cuideachd gabhaidh tu pàirt ann an seisean-obrach còmhla ri Mairearad Green a bha i fhèin na com-pàirtiche ann an Cèilidh air Chuairt.

Thoir an aire: feumaidh e a bhith air chomas dhut deuchainnean-cluiche a fhrithealadh Disathairne 18 Gearran. Am-bliadhna cha bhi àite-còmhnaidh air a chur air dòigh dhut aig an deuchainn-chluiche. Airson duine sam bith a’ siubhal ann an còmhdhail phoblach, pàighidh sinn do chosgaisean.

Ma tha ceistean sam bith agad mu Chèilidh air Chuairt no mar a tha an deuchainn-chluiche ag obair, no ma tha thu ag iarraidh bruidhinn air taic sam bith a dh’fhaodadh tu feumachdainn aig deuchainn-chluiche no air feadh Cèilidh air Chuairt, feuch gun cuir thu fios gu Christian Gamauf aig christian.gamauf@feisrois.org

To top