Fìdhlearan Khiltearn

‘S e còmhlan a tha ann an Fìdhlearan Chill Tighearna le fìdhlean sa mhòr-chuid, ach tha fàilte air a h-uile ionnsramaid! Dh’fhàs a’ bhuidheann à clasaichean seachdaineil Fèis Rois a b’ àbhaist a bhith air an cumail ann am Bun-Sgoil Chill Tighearna mus do ghluais iad a dh’Inbhir Pheofharain, ‘s ann às an seo a thàinig an t-ainm ‘Fìdhlearan Chill Tighearna’! Ann an 1990, chruthaich Alpha Rothach, a bha a’ teagasg nan clasaichean fìdhle seachdaineil fad trithead bliadha, an còmhlan gus sgilean cluiche, àireamh nam fonn agus misneachd fhìdhlearan òga ann an Siorrachd Rois a leasachadh. Agus an-diugh, ‘s i Lauren NicColla, a bha na ball de dh’Fhìdhlearan Chill Tighearna nuair a bha i fhèin san sgoil, a tha a-nis os cionn na buidhne. 

Bidh sinn a’ tabhainn seiseanan-obrach mìosail do chluicheadairean-ciùil thraidiseanta ann am BS5 – AS6. Tha na seiseanan an-asgaidh agus tha iad ag amas air cluicheadairean aig ìre eadar-mheadhanach is adhartach. ‘S e deagh chothrom a tha ann a bhith ag ionnsachadh ceòl ùr, a’ toirt piseach air do sgilean agus a’ coinneachadh ri daoine ùra! Tha na seiseanan-obrach a’ tachairt air a’ chiad Didòmhnaich de gach mìos ann an Ionad Coimhearsnachd Inbhir Pheofharain. Tha roghainn de dà bhuidheann ann, a-rèir d’ ìre-cluiche an-dràsta. 

Eadar-mheadhanach | 12f – 2f
Tha seo fosgailte do dhaoine a tha ann am BS6 – ÀS6. Bu chòir dhut a bhith cofhurtail a’ cluich farsaingeachd fhonn traidiseanta aig astar freagarrach agus a bhith deiseil is deònach a bhith ag ionnsachadh tuilleadh mu dheidhinn co-sheirm, còrdaichean agus cur sreath phort ri chèile. 
Adhartach 12f – 4f
Tha seo fosgailte do dhaoine òga a tha san àrd-sgoil a-mhàin. Bidh eòlas agad mar-thà a bhith a’ cluich aig cuirm-chiùil agus bu chòir dhut faireachdainn cofhurtail a bhith a’ toirt seachad do bheachd don chòmhlan is sibh a’ cur sreath phort ri chèile. Gheibh an còmhlan an cothrom a bhith a’ cluich aig tachartasan ann an Siorrachd Rois. 

Anns an t-seisean acadaimigeach 2023/24, thèid an seisean-obrach a chumail air na cinn-latha a leanas: 

  • Didòmhnaich 3mh an t-Sultain 
  • Didòmhnaich 1mh An Dàmhair 
  • Didòmhnaich 5mh An t-Samhain 
  • Didòmhnaich 3mh An Dùbhlachd 
  • Didòmhnaich 4mh An Gearran 
  • Didòmhnaich 3mh Am Màrt 
  • Didòmhnaich 7mh An Giblean 
  • Didòmhnaich 5mh An Cèitean 
  • Didòmhnaich 2mh An t-Òg Mhìos 

Nach cuir thu fios air Tj airson tuilleadh fiosrachaidh agus gus clàradh: tj.bawden@feisrois.org




To top