Chloë Bryce

Sann à Taobh Sear Rois a tha Chloë bho thùs. Thàinig i chun an tuigse a th’ aice air ceòl traidiseanta tro na cothroman a fhuair i ann am fèisean. Bhiodh i dol gu fèisean Fèis Rois agus tha i air a bhith air an àrd-ùrlar air feadh na Rìoghachd Aonaichte agus air feadh an […]

Alex Urquhart-Taylor

Se pìobaire agus stiùiriche companaidh eadar lìon a th’ ann an Alex. Tha e cuideachd air bòrd coimhearsnachd pròiseact ath-nuadhachail. Nuair a bha Alex òg, bhiodh e a’ gabhail pàirt ann an tòrr de thachartasan Fèis Rois – nam measg fèisean òigridh agus inbhich, sàr chlasaichean, cuairt nan cèilidhean agus iomadach pròiseact eile. Tha e […]

Jennifer Marshall

Se neach-lagh a th’ ann an Jennifer agus chur i seachad grunn bhliadhnaichean ag obair ‘sa bhaile mhòr le companaidh coimeirsealta. Thill i dhan Ghàidhealtachd o chionn ghoirid airson obair le Puirt-adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean. Tha Gàidhlig aice agus tha ùidh aice ann an ceòl na pìoba agus òrain Ghàidhlig.  Tha i air […]

Mark Sheridan

Mark Sheridan

Tha Mark na neach-comhairleachaidh is sgrìobhadair fìor chomasach a thaobh foghlam agus nan gnìomhachasan cruthachail is cultarach ann an Alba agus san Roinn Eòrpa. Tha e na Leughadair ann an Ceòl is Obair Chruthachail aig Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, agus tha e na sgrìobhadair-ciùil cliùiteach. Thòisich e air a’ Bhòrd san t-Sultain 2013

Malina NicDhòmhnaill-Dawson

Tha Malina na Manaidsear airson Prògram mòr de Phròiseactan taobh a-staigh Seirbheisean Cloinne Comhairle na Gàidhealtachd. Às dèidh dhi ceumnachadh bhon Oilthigh agus a bhith a’ fuireach thall thairis, thill Malina chun na Gàidhealtachd agus am beairteas ciùil san sgìre na adhbhar mòr dhi airson tilleadh. ’S fìor thoigh le Malina a bhith a’ seinn […]

Fiona Callum

’S i Fiona aon den phrìomh luchd-cunntais aig Comhairle na Gàidhealtachd, agus ron obair sin chuir i bliadhna seachad ag obair ann an Sydney, Astràilia agus bha i ag obair aig EY ann an Inbhir Nis ron sin. Dh’ionnsaich Fiona an fhidheall san sgoil agus bha i na ball de dh’iomadh còmhlan cèilidh agus còisir […]

Shannon Cowie

Le ceum aice mu thràth ann an Eòlas-cungaidh, tha Shannon a-nis air an darna bliadhna aice aig Oilthigh Ghlaschu a’ toirt a-mach ceum ann an Leigheas . Tha i gu mòr an sàs ann an gnothaichean Gàidhlig aig an oilthigh. Fad dà bhliadhna bha i na pàirt den sgeama-còmhnaidh ‘Taigh na Gàidhlig’ agus tha i […]

Norman MacArthur

Tha Tormod air a bhith a’teagasg Gàidhlig agus cuspairean eile tro mheadhan na Gàidhlig ann an Acadamaidh Inbhir Pheofharain bho 2003. Chleachd e a bhith a’seinn ann an Gàidhlig agus bidh e a’cluich na pìoba agus uaireannan a’sgrìobhadh òrain. Tha ùidh gu sònraichte aige ann an bhith a’dèanamh cinnteach gun lean an obair a tha […]

Shona Henderson

Tha Shona ag obair mar leas-dheasaiche naidheachdan aig a’BhBC ann an Inbhir Nis. Tha i air a bhith ag obair dhan BhBC fad còrr air 20 bliadhna, an toiseach ann an Glaschu. Rugadh is thogadh Shona anns na Hearadh agus tha i fileanta ann an Gàidhlig. Tha ùidh mhòr aice ann an òrain is bàrdachd […]

Duncan Chisholm

Duncan Chisholm

Se Donnchadh aon den luchd-ciùil as cliùitiche ann an Alba. Tha e na shàr chluicheadair fìdhle agus na sgrìobhaiche ciùil sònraichte. Rugadh is thogadh e faisg air Inbhir Nis agus tha e air a chuid mhòr de bheatha a chuir seachad a’leasachadh a chuid ciùil. Tha e air siubhal air feadh na RA, na Roinn […]