Alex Urquhart-Taylor
Se pìobaire agus stiùiriche companaidh eadar lìon a th’ ann an Alex. Tha e cuideachd air bòrd coimhearsnachd pròiseact ath-nuadhachail. Nuair a bha Alex òg, bhiodh e a’ gabhail pàirt ann an tòrr de thachartasan Fèis Rois – nam measg fèisean òigridh agus inbhich, sàr chlasaichean, cuairt nan cèilidhean agus iomadach pròiseact eile. Tha e a’ cumail a-mach gu bheil na rinn e tro na bliadhhnaichean air leth cudromach dhan tuigse agus an spèis a th’ aig do cheòl, cànan is cultur na h-Alba. Tha e an dòchas le bhith na phàirt den bhòrd, gun cuidich e le bhith dèanamh cinnteach gu faigh tòrr a bharrachd dhaoine na h-aona chothroman ‘sa fhuair esan.
Thòisich e air a’ Bhòrd san t-Samhain 2020