Laura Wilkie

Laura Wilkie

‘S e ban-fhidhlear à Baile Dhubhthaich ann an Siorrachd Rois a tha ann an Laura Wilkie. Tha nòs air leth aice a tha freumhaichte ann an dualchas  na fìdhlearachd Gàidhealaich ach le buaidh bho fharsaingeachd eugsamhail bhon a h-uile gnè ciùil.

Tha Laura air a bhith air chuairt air feadh an t-saoghail ann an grunn chòmhlain dual-chiùil an latha an-diugh, nam measg Kinnaris Quintet, an sàr-ghiotàraiche Ian Carr, Ross Ainslie, Salsa Celtica, NITEWORKS agus còmhla ri ban-seinneadairean na Beurla Gallta Claire Hastings agus Siobhan Miller.

Air tè de na buill a stèidhich Fat-suit, còmhlan mòr snag-cheòl/funk/R&B/Synth/ Dualchasach, chaidh aig Laura air cluich air dòighean saora ann an nòsan eadar-dhealaichte agus tha i air a bhith air chuairt air iomadh fèis is aitreabh snag-chiùil ann am Breatann, san Roinn-Eòrpa agus cho fada ris an Ucràin.

To top