Sheet Music in Classroom

Leabharlann Ciùil

Thar nam bliadhnaichean tha sinn air taghadh farsaing de phuirt, leabhraichean, pasgain-taice agus stuthan teagaisg a chruinneachadh. Cuideachd, tha leabhraichean le òrain ann am Beurla, Albais agus Gàidhlig. Tha sibh làn di-beathte tadhal oirnn feuch am faic sibh dè th’ againn. Dìreach cuiribh fòn thugainn air 01349 862600 an toiseach airson dèanamh cinnteach gum bi sinn san oifis.

Ma tha stuthan agaibh a tha sibh a’ smaoineachadh a bhiodh feumail do dhaoine eile agus a tha sibh airson a thoirt dhuinn mar thiodhlac, feuch gun cuir sibh fios thugainn.

Ri ùine tha sinn an dòchas gum bi tìde againn gach goireas a th’ againn a chur ann an catalog agus an liosta dhiubh a shealltainn air-loidhne. Cumaibh sùil air an duilleig seo!

To top