Seo far am faic sibh cothroman gus obair fhaighinn mar phàirt de sgioba Fèis Rois, no cothroman trèanaidh san roinn.
Co-Chomann Cultar Na Gàidhealtachd
Tha Co-chomann Cultar na Gàidhealtachd an dùil Manaidsear Pròiseict agus còignear Luchd-ealain Còmhnaidh fhastadh gus obair làn-ùine fad 15 mìosan bho 1 Iuchar 2021 gu 30 Sultain 2022.
Cuiridh Co-chomann Cultar na Gàidhealtachd cothroman an comas thriùir ealainichean eòlach agus dithis a tha ag èirigh. Tuigidh sinn gur urrainn do dhaoine gabhail ris an ealain mar bheò-shlàinte aig àm sam bith nam beatha mar sin chan eil dreuchdan an luchd-ealain a tha ag èirigh a-rèir an aois.
Feuch gun coimhead sibh air na trì pàipearan air leth a’ toirt fios mionaideach air na dealbhan-obrach agus na cumhachan obrach airson na dreuchdan a leanas:
Tha na pàipearan sin a’ mìneachadh mar a chuireas sibh a-staigh airson nan cothroman sin.
Clàr-Ùine Fastaidh
Dihaoine 7 Cèitean: Fosgailte do dh’iarrtasan
Diardaoin 13 Cèitean, 7f: Ceis is Freagairt air loidhne 1
Diluain 24 Cèitean, 12f: Ceis is Freagairt air loidhne 2
Diluain 31st Cèitean, 5f: Ceann-latha nan iarrtasan
Diardaoin 3rd Òg-mhìos: Thèid innse do gach tagraiche an deach no nach deach a thaghadh airson agallamh
Diluain 7 gu Dihaoine 11 Òg-mhìos: Tachraidh a h-uile h-agallamh agus thèid an co-dhùnadh innse do gach tagraiche taobh a-staigh 24 uairean a thìde
Seachdain 14 Òg-mhìos: Gheibh a h-uile tagraiche fios air ais air mar a rinn e
Diardaoin 1 Iuchar: Ceann-latha tòiseachaidh a tha air a mholadh le dà latha còmhla air 1 agus 2 Iuchar còmhla ris a h-uile duine ann an sgioba ùr Co-chomann Cultar na Gàidhealtachd agus compàirtichean a’ Cho-chaidreimh.
Ceistean?
Nam bu toigh leibh barrachd fhaighinn a-mach mu na cothroman cosnaidh rim faighinn tro Cho-chomann Cultar na Gàidhealtachd, nach tig sibh gu fear de na dhà sheminear air loidhne còmhla ri Fionnghal Dalgetty, Ceannard Feis Rois agus buill eile Co-chomann Cultar na Gàidhealtachd far am bruidhinn iad air a’ phròiseact agus far am freagair iad ceistean sam bith a tha agaibh. Thèid iadsan a chumail:
Diardaoin 13 Cèitean, 7f
Diluain 24 Cèitean, 12f
Faodaidh sibh post-d. a chur gu Fionnghal ann an dìomhaireas airson còmhradh neo-fhoirmeil a chur air dòigh: fiona.dalgetty@feisrois.org