Am measg nan cùrsaichean a bh’ againn roimhe bha Clasaichean Sàr Fhìdhlearachd le Donnchadh Siosalach, an deireadh-seachdain còmhnaidh againn aig Ionad a’ Bhlàir A-muigh ann am Bad a’ Ghiuthais agus cothroman eile gus ionnsachadh bho shàr luchd-ciùil.

A’ tionndadh gu deiseal
Tha Fèis Rois a’ toirt cuireadh do dh’òganaich a tha 8-25 bliadhna dh’aois agus a tha a’ fuireach ann an ceàrnaidh Comhairle na Gàidhealtachd, cur mu dheidhinn cothrom inntinneach leasain aon ri aon fhaighinn aig ìre sàr-chlas. Bu chòir dhut a bhith a’ cluich d’ ionnstramaid no a’ seinn aig ìre eadar-mheadhanach no adhartach marthà.
Air sàilleabh tabhartas fialaidh bho Julie Fowlis agus Éamon Ó Dubhurthuile, gheibh triùir òganach ceithir leasain de dh’uair a thìde an urra còmhla ris an oide a thaghas iad. Gabhaidh na leasain àite air loidhne sa Ghearran agus sa Mhàrt 2021.
Faodaidh luchd-ciùil òg le Beurla no Gàidhlig iarrtas a chur a-staigh, ach bheirear prìomhachas do Ghàidheil a’ taghadh oideachaidh tro mheadhan na Gàidhlig le neach-ciùil proifeiseanta le Gàidhlig.
Gus iarrtas a chur a-staigh airson a’ chothroim mhìorbhailich seo, nach cuir thu post-dealain gu Fiona.dalgetty@feisrois.org ro 5f. Diluain 11 Faoilleach 2021 ag innse:
- Carson a tha thu a’ smaoineachadh gu bheil thu airidh air a’ chothrom seo agus ciamar a chuidicheas e thu gus do sgilean ciùil a leasachadh?
- Cò an t-oide a thaghadh tu airson nan leasan seo? Is dòcha gun robh oide agad aig fèis chòmhnaidh a bhrosnaich thu, no is dòcha gu bheil cuideigin ann air a bheil thu fìor mheasail an dèidh dhut èisteachd ri a chlàir no fhaicinn aig cuirm-chiùil? Cha bu chòir dhut Julie Fowlis no Eamon Ó Dubhthurthuill a thaghadh.
Caithream na Cruinne
A bheil thusa aois na h-àrd-sgoile? A bheil dragh ort mu chruaidh-chàs na h-aimsir? Is dòcha gur e sgrìobhadair no ceòladair dealasach a tha annad? Leugh air adhart ma thà!
‘S e co-obrachadh a tha sa phròiseact ùr seo eadar Fèis Rois agus Nàdar Alba. Tha sinn a’ toirt cuireadh do cheathrar òganach òran ùr Gàidhlig a dhèanamh an urra ag èirigh à cuspairean na h-àrainneachd san latha a tha ann no às an nàdar timcheall ort. Dh’fhaodadh na h-òrain a bhith a’ moladh no a’ misneachadh, no faodaidh tu taghadh d’ aire a chur air dùbhlain is gnothaichean na h-èiginn.
Airson do chuideachadh ann a bhith a’ dèanamh d’ òrain, gheibh thu 10 uairean a thìde de dh’oideas phearsanta bho aon de dhithis luchd-ciùil chliùiteach a tha ag obair còmhla ruinn air a’ phròiseact seo – Màiri Anna NicUalraig agus Eòghann MacEanraig. Gheibh thu an cothrom d’ òran a chlàradh gu proifeiseanta cuideachd.
Airson cur mu dheidhinn fear de na ceithir àiteachan air a’ phròiseact, cuir post-d. gu fiona.dalgetty@feisrois.org ro 5f Diluain 23 Samhain le geàrr-chunntas air carson a bu toigh leat a bhith air do mheasadh airson a’ phròiseict seo. Feuch gun innis thu dhuinn ainm na sgoile agad agus dè a’ bhliadhna air a bheil thu.
Cinn-latha:
Diluain 23 den t-Samhain
Ceann-latha iarrtasan
Dihaoine 27 den t-Samhain
Gheibh gach tagraiche fios co-dhiù tha àite aca air a’ phròiseict gus nach eil
Seachdain a’ tòiseachadh 30 den t-Samhain
A’ chiad choinneamh air loidhne leis na ceathrar a’ gabhail pàirt sa phròiseact agus an dithis oidean
An Dùbhlachd 2020 gu an Gearran 2021
Seiseanan oideis air leth a’ tachairt aig àmannan air an aontachadh eadar gach compàirtiche agus an t-oide aige/aice
An Gearran 2021 (feadh làithean-saora na sgoile)
Clàraidh gach compàirtiche an t-òran dèante aca