Fun Folk App Screenshot

Fun Folk App

Leis na gnìomhan spòrsail, beò-dhealbhan agus filmichean, tha sinn a’ toirt cothrom dhuibh blasad de cheòl, òrain, sgeulachdan agus dannsaichean cèilidh traidiseanta à Alba a thoirt do chloinn aois còig no nas òige. Tha stuthan ann an Gàidhlig agus Albais san app.

Tha Fun Folk air a dhealbh gus a chleachdadh an lùib diofar raointean ionnsachaidh san sgoil-àraich agus e a’ toirt cothrom dhan chloinn a bhith a’ cluich is a’ seinn – a bharrachd air òrain sgoinneil le gluasadan dhan chloinn, tha trì sgeulachdan dathte le dealbhan ann, filmichean le dannsaichean cèilidh a bheir oirbh dannsa no dhà a dhèanamh agus faclan sìmplidh Gàidhlig is Albais rin ionnsachadh. Cuideachd, faodaidh sibh diofar ghnìomhan spòrsail a dhèanamh, leithid a’ dèanamh brochan, ag iomradh ann am bàta, a’ tilgeil fhoileagan, a’ cluich ionnsramaidean agus iomadh rud eile!

Dh’obraich sgioba de luchd-ealain, le Michelle Burke os an cionn, còmhla ri còrr is 400 duine cloinne ann an sgoiltean-àraich bho cheithir ùghdarrasan ionadail ann an Alba gus rannsachadh a dhèanamh. An uair sin thug an sàr bheothadair, Gavin C Robinson na beachdan aca beò tro dhealbhadh is beò-dhealbhan, agus chaidh an ceòl agus na sgeulachdan a chlàradh le Barry Reid is sgioba de luchd-ciùil proifeiseanta bho chòmhlain leithid Treacherous Orchestra agus The Shee.

Fhuair an app taic-airgid bho Iomairt Chiùil na h-Òigridh aig Alba Chruthachail agus bho Chomhairle Siorrachd Lannraig a Tuath, Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle Baile Dhùn Èideann agus Celtic Connections.

Gheibhear fios mu mar a chaidh an app a dhealbh an seo.

Faodaidh sibh am pasgan-taice, sam faigh sibh am fiosrachadh air fad, a luchdachadh a-nuas agus le fios ann air barrachd dhòighean san urrainn do chloinn òga ionnsachadh leis an app. Chaidh an app fhoillseachadh aig Latha Cruthachail a chùm sinn aig Ionad Sgeulachdan na h-Alba ann an Dùn Èideann air 1 Ògmhios 2016.
Chan eil an app ri fhaotainn ach air iPad is tablaid an-dràsta air sàillibh cho mòr ’s a tha e.

’S fìor thoigh le Eilidh, an nighean agam, an app! Tha Brochan Lom, agus an gèam èisg, gu sònraichte a’ còrdadh rithe. ’S toigh leatha a bhith a’ coimhead air an dannsa, agus tha e iongantach mar a tha foighidinn aice èisteachd ris na h-òrain.

Beachd bho phàrant
To top