Fèis Rois nan Deugairean airson òigridh ÀS1-ÀS6: Diluain 17mh gu Dihaoine 21mh den Dàmhair
Tha sinn air ar dòigh gun tèid Fèis Rois nan Deugairean air aghaidh san Dàmhair am-bliadhna. Tha sinn an dùil gum faodar clàradh bhon 20mh den t-Sultain.
’S e seachdain air leth a th’ ann an Fèis Rois nan Deugairean do dh’òigridh ÀS1-ÀS6. Faodar trì chlasaichean a thaghadh bho roghainn farsaing de dh’iomadach ionnsramaid agus òrain Ghàidhlig bho ìre luchd-tòiseachaidh gu ìre adhartaich.
Bidh òigridh a’ cur seachad dà uair a thìde nan ciad taghadh agus uair a thide anns an dara is an treasamh taghadh san latha air thuilleadh air cur-seachadan air an fheasgar. A bharrachd air seo, tha ionnsramaidean ri fhaighinn air màl airson na seachdain an-asgaidh.
Tha a h-uile oide againn nan neach-ciùil proifeiseanta, comasach is fiosrach agus le eòlas ann a bhith ag obair le òigridh. Tha sgioba de luchd-stiùiridh is luchd-obrach saor-thoileach againn cuideachd a chuidicheas le bhith a’ ruith nan tachartasan againn. Tha an òigridh fo stiùir an luchd-obrach fad an t-siubhail agus bidh sinn ag obair a rèir nan Stiùiridhean airson Dìon Chloinne is Slàinte is Sàbhailteachd. Tha a h-uile neach-obrach againn nan ball den Sgeama PVG a tha air a ruith le Disclosure Scotland.
Tha e na dhealas dhuinn gum bi ceòl traidiseanta ann airson a h-uile duine. Nam bu thoil leibh bruidhinn rinn ann an dìomhaireachd, mu dhèidhinn taic dha luchd-ionnsachaidh le feumalachdan sònraichte, chan eil agaibh ach fios a chur gu Fiona.
Chòrd e rium gu mòr agus bha an ceòl dìreach sgoinneil.
Neach a ghabh pàirt ann an 2017



A’ fuireach: £350
A’ gabhail a-steach àite-fuirich, biadh, 20 uair a thìde de chlasaichean le oidean proifeiseanta agus còig oidhche de thachartasan.
An dàrna pàiste a’ fuireach: £300
An dearbh rud ris an fhiosrachadh gu h-àrd airson pàiste/clann eile bhon aon theaghlach.
Gun a bhith a’ fuireach: £200
Clasaichean, lòn agus cothrom air gach tachartas air an oidhche.
Airson teaghlaichean nach eil a’ cosnadh uiread, dh’fhaodadh gum faighear taic bho Urras Cloinne na Gàidhealtachd airson cothrom a thoirt don chuid chloinne a dhol gu Fèis Rois.
Ma tha sibh airson bruidhinn rinn ann an dìomhaireachd mu thaic ionmhasail, cuiridh fios air Fiona Dalgetty.
A’ pàigheadhadh ann an cuibhreannan
‘S urrainnear pàigheadh airson na Fèise gach mìos ann an cuibhreannan nas lugha.
Mar eisimpleir, ma tha sibh a’ clàradh aon phàiste airson na Fèise còmhnaidh (£350) agus gum bu thoil leibh pàigheadh`eadar na Sultaine agus a’ Mhàirt, bhiodh an cosgais £50 gach mìos. Nam bu thoil leibh a’ tòiseachadh pàigheadh san Dàmhair, bhiodh a’ chiad chosgais £100 agus an uair sin £50 anns gach mìos às dèidh sin. Feumar pàigheadh air fad sa Mhàirt 2023.
Nam bu thoil leibh pàigheadh ann an cuibhreannan, cuiribh fios air Lorraine.aburrow@feisrois.org.
Luchd-teagaisg & clasaichean
Mar às àbhaist, tha deagh sgioba de luchd-teasgaisg againn airson Fèis Rois nan Deugairean na bliadhna-sa! Tha liosta dhaibh gu h-ìosal a bharrachd air na ciad, dara is treasamh clasaichean a th’ againn am-bliadhna.
Neach-teagasg | 1d Taghadh | 2na Taghadh | 3mh Taghadh |
Eddie Seaman | A’ Phìob (A’ cluich mar-thà) | Am Feadan (FLT) | Am Feadan (LTA) |
Sharon Hasson | An Fhìdheall (EM) | An Fhìdheall (FLT) | A’ tòiseachadh ri cluich còmhla |
Chloë Bryce | An Fhìdheall (FLT) | Òrain Ghàidhlig (Fileanta) | A’ tòiseachadh ri cluich còmhla |
Sally Simpson | An Fhìdheall (A) | Obair-bhuidhne (A) | Obair-bhuidhne (A) |
Catrìona Hawksworth | Am Meur-chlàr (EM+) | Obair-bhuidhne (A) | Obair-bhuidhne (A) |
Barry Reid | An Giotàr (EM+) | An Giotàr (FLT) | An Giotàr (LTA) |
Mairearad Green | Am-Bogsa Ciùil (EM+) | Am Bogsa Ciùil (LTA) | Am Bogsa Ciùil (LT) |
Seumas Donnchadh MacCoinnich | An Fhìdeag (EM+) | An Duiseal Thraidiseanta (Do dh’òigridh a tha a’ cluich na fìdeig agus / neo an duiseal chlasaigeach mar-thà) | A’ Sgrìobhadh Chiùil |
Katie NicChoinnich | Òrain Ghàidhlig (don a h-uile duine) | An Clàrsach (FLT) | An Clàrsach (LTA) |
- A – Adhartach
- I+ – Eadar-mheadhanach agus nas àirde
- LTA – Luchd-tòiseachaidh Adhartach
- LT – Luchd-tòiseachaidh no neach a th’ air tòiseachadh o chionn ghoirid
- An Duiseal Thraidiseanta – ‘s urrainn dhuinn duiseil a thoirt dhuibh airson a’ chlas
Clàr-ama
9.30m – 10.00m Òran na Fèise
10.00m – 11.00m A’ chiad taghadh
11.00m – 11.30m Àm saor
11.30m – 12.30f A’ chiad taghadh a-rithist
12.30f – 1.30f Àm-lòn
1.30f – 2.30f An dara taghadh
2.30f – 2.45f Àm saor
2.45f – 3.45f An treasamh taghadh