Feumalachdan Taice a Bharrachd
’S e buidheann fhosgailte a th’ ann am Fèis Rois a chuireas fàilte air a h-uile duine, agus nuair as urrainn dhuinn bidh sinn a’ toirt taic do dhaoine òga gus pàirt a ghabhail sa phrògram againn de thachartasan.
Ge-tà, bidh suidheachaidhean ann uaireannan nuair nach urrainn do dhaoine òga pàirt a ghabhail ann an clas no cùrsa-còmhnaidh aig Fèis Rois, air diofar adhbharan. Airson an adhbhair sin, tha sinn air prògraman a dh’aona-ghnothach a dhealbh le ceòl traidiseanta airson daoine òga la feumalachdan taice a bharrachd.
’S fìor thoigh leinn a bhith a’ cruthachadh phròiseactan ciùil a dh’aona-ghnothach gus frithealadh air diofar fheumalachdan, agus leis na pròiseactan sin tha sinn air obrachadh leis na buidhnean foghlaim a leanas: a’ bhuidheann DIGIT (prògram àrd-sgoile com-pàirteach airson sgoilearan le feumalachdan taice a bharrachd), The Bridge (ionad trèanadh dreuchdail com-pàirteach), Colaiste Cantraybridge (goireas do dhaoine aig a bheil duilgheadasan ionnsachaidh no air a bheil aon de na diofar sheòrsaichean de autism) agus na trì sgoiltean ionadail againn do dhaoine òga le feumalachdan ionnsachaidh a bharrachd – Sgoil an Naoimh Duthus, Sgoil Drummond agus Sgoil an Naoimh Clement.
Le maoineachadh bho Iomairt Chiùil na h-Òigridh (ICO) tha sinn air a bhith fortanach cothrom fhaighinn a bhith ag obair còmhla ri ionadan SEN ann an diofar ùghdarrasan ionadail air feadh na dùthcha gus bùithtean-obrach ann an ceòl traidiseanta agus seinn a lìbhrigeadh do dhaoine òga le tòrr dhiofar fheumalachdan ionnsachaidh is taice.
Bidh an sgioba de luchd-ciùil againn a tha ag obair air an ceann fhèin daonnan a’ feuchainn ri dòighean oideachaidh ùra ionnsachadh agus tha e a’ fìor chòrdadh rinn a bhith ag obair ann an com-pàirt ri buidhnean eile.
Tha sinn air a bhith ag obair ann an com-pàirt ri Moniack Mhòr o chionn beagan bhliadhnaichean, an t-ionad Albannach airson sgrìobhadh cruthachail, gus greisean-còmhnaidh a thabhann do dhaoine òga is inbhich òga aig a bheil feumalachdan ionnsachaidh a bharrachd, far am bi iad ag ionnsachadh mu bhith a’ sgrìobhadh òrain agus ag ionnsachadh ceòl.
Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fios thugainn Rachael