Òrain bhon Àird a Tuath
’S e a th’ ann an Òrain bhon Àird a Tuath, pròiseact com-pàirteach le diofar mheadhanan ealain a bhios Fèis Rois is Moniack Mhor a’ cur air dòigh. Tha e a’ toirt cothrom do dhaoine òga, bho dhiofar àiteachan is suidheachaidhean, eòlas fhaighinn air a bhith ag obair còmhla ri luchd-ealain proifeiseanta ann an suidheachadh cruthachail agus a bhith a’ cruthachadh obair ealain ùr.
Mar thoradh air a’ phròiseact, tha daoine òga air filmichean a dhèanamh, òrain is bàrdachd a sgrìobhadh agus pàirt a ghabhail ann an seiseanan ciùil. Airson cuid de na h-òrain, ’s e na seallaidhean brèagha aig Moniack Mhor agus na Fir Chlis iongantach a chithear air an oidhche a thug piobrachadh do dhaoine.
Tha an caidreabhas is càirdeas a cheart cho cudromach, thoradh bidh na daoine òga a’ còcaireachd is ag ithe còmhla, ag innse sgeulachdan do chàch a chèile, a’ gabhail pàirt ann an tachartasan air an oidhche, a’ dèanamh charaidean ùra agus ri spòrs còmhla.
Tha sinn air cruinneachadh a dhèanamh den obair ùr a rinn na daoine òga an lùib a’ phròiseict seo.
Tha iad seo dìreach sgoinneil. Abair cho math ’s a tha e, le daoine mìorbhaileach, àite air leth agus beagan ciùil!
Neach-obrach bho Cantraybridge