Ar gealltanas
SEASMHACHD NA H-ÀRAINNEACHD
Tha Fèis Rois fiosrach gu beil staid-èiginn aimsir is bith-eugsamhlachd ron t-saoghal, agus gu bheil feum air gnìomh cabhagach còmhla airsonn èirigh teas an t-saoghail a chumail fo 1.5°C agus airson dèiligeadh ri buaidh atharrachadh na gnàth-shìde. Tha Poileasaidh Seasmhachd Àrainneachd Fèis Rois a’ brosnachadh cultar cùramach don àrainneachd taobh a-staigh Fèis Rois.
Ag aithneachadh gu bheil staid-èiginn na h-aimsir feumach air gnìomh còmhla, tha Gaisgeach Uaine aig Fèis Rois (an-dràsta Manaidsear na h-Oifis is an Ionmhais) agus tha sinn ag obair an co-bhoinn ri Gualan Cruthachail Alba.
A’ lùghdachadh Toit Gualain
Tha Poileasaidh Seasmhachd na h-Àrainneachd aig a’ bhuidhinn ag innse na tha a’ bhuidheann an dùil dèanamh airson toit gualain a lùghdachadh ann an aonta ri slighe na h-Alba gu neoni. Na mheasg tha sia dòighean air caitheamh cumhachd a lùghdachadh, seachd dòighean air salachar a lùghdachadh, naoi dòighean air siubhal a lùghdachadh agus còig dòighean air truailleadh bho rudan eile a lùghdachadh.
Staid-èiginn na Gnàth-shìde agus Prògramadh Cruthachail
A bharrachd air seachdain obrach ceithir làithean a chur an gnìomh don sgioba obrach, a’ dèanamh cinnteach gu bheil solais is uidheam dealain air an cur dheth nuair nach eil iad gan cleachdadh, a’ feuchainn charbadan dealain agus a’ brosnachadh dhaoine siubhal còmhla ann an càraichean is air rothairean, tha Fèis Rois mothachail don dleasdanas aice leas is dìon na h-àrainneachd a bhrosnachadh is a chuideachadh, agus beachd cùramach don àrainneachd a mhisneachadh am measg luchd-com-pàirt is luchd-èisteachd.
Gus seo a thoirt gu buil, cumaidh Fèis Rois oirre a’ leasachadh obair stèidhichte air an àrainneachd a thàirngeas aire do dh’atharrachadh na gnàth-shìde. Bheir seo a-steach cuireadh a thoirt do dh’òigridh is do luchd-ciùil òrain ùra dhèanamh agus sgeulachdan fhilleadh sa phrògram ann an cuid de thachartasan Fèis Rois. Tha obair Fèis Rois air fhighe a-staigh ann an daoine, àite, dreach na tìre is èic-eòlas, is tha buaidh aig staid-èiginn na gnath-shìde orra air fad. Co-oibrichidh Fèis Rois le comainn eile airson aire a thogail do staid-èiginn na h-àrainneachd agus don bhuaidh aice air bith-eugsamhlachd ann an Alba. Togaidh coimiseanan ùra air dualchas na Gàidhlig a bhios a’ toirt tarraing air an àrainneachd san obair. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air a’ phrògram chruthachail co-cheangailte ri obair na h-àrainneachd ann am Poileasaidh Seasmhachd na h-Àrainneachd.
Atharrachadh is Lasachadh
Tha Fèis Rois mothachail gu bheil feum air smachd a chumail air buaidh staid-èiginn na gnàth-shìde a dhèanamh cinnteach à seasmhachd bhuan gnothachas na buidhne.
Tha a’ bhuidheann air dearbhadh cheana ri linn galar a’ Chòbhaid-19 gun deach aice air, is gu bheil na goireasan aice, gus leasain air an clàradh is tachartasan air loidhne a chraoladh ma ‘s fheudar. A thaobh leantainneachd a’ ghnothachais, tha an comas seo le goireasan-taic airson tachartasan aig astar cudromach leis mar a dh’fhaodadh staid-èiginn na gnàth-shide buaidh a thoirt air mar a b’ urrainn do dh’Fhèis Rois tachartasan a thoirt gu buil an làthair dhaoine (tuiltean, stoirmean, smsaa).
A thaobh atharrachaidh, tha Fèis Rois a’ cur a làn-taic ri bhith a’ lùghdachadh mhìltean-bìdh agus a’ cleachdadh luchd-reic bìdh ionadail airson a cùrsaichean ciùil, làithean oideachaidh is tachartasan.
Nuair nach gabh cur às don chòrr truaillidh, tomhaisidh Fèis Rois a truailleadh gu lèir aig deireadh gach bliadhn’-ionmhais agus cothromaichidh i an còrr truaillidh le bhith a’ ceannach chraobhan tro phrògram barantaichte aig Craobhan airson na Beatha aig Dul Dreagain. Tha oighreachd glèidhteachais Craobhan airson na Beatha ceadaichte is barantaichte fo Chòd Gualan nan Coilltean, sàr-ìre tasgadh gualan nan coilltean.