Tàlaidhean Ura: The Lullaby Project
* Bidh Pròiseact nan Tàlaidhean againn nas fhaide air a’ bhliadhna, mar sin cumaibh sùil air an seo airson tuilleadh fiosrachaidh! San eadar-ama faodaidh sibh post-d. a chur gu Tj Bawden, ma tha ùidh agaibh ann an clàradh air a shon – tj.bawden@feisrois.org *
Tàlaidhean Ùra: Pròiseact nan Tàlaidhean
‘S e pròiseact sòlasach a tha ann an Tàlaidhean Ùra, an co-bhoinn ris an Weill Institute chliùiteach de Thalla Charnegie ann an New York. Seo pròiseact a mhisnicheas boireannaich ionadail a tha trom no ag altram naoidheanan is leanabhan a dh’fheuchainn ri òran a chumadh agus an tàlaidhean fhèin a dhèanamh le taic bho luchd-ciùil ionadail proifeiseanta rè sreath de sheiseanan-obrach an-asgaidh.
B’ e Weill Institute a’ Chiùil de Thalla Charnegie a thòisich obair Thàlaidhean Ùra ann an New York, a’ càraideachadh bhoireannaich throma agus athraichean is màthraichean ùra le luchd-ealain phroifeiseanta airson tàlaidhean pearsanta a dhèanamh is a sheinn do an naoidheanan, a’ cumail taic ri slàinte na màthar, a’ cuideachadh leas na pàiste agus a’ neartachadh na dàimh eadar am pàrant is am pàiste. Leis mar a sgaoil e air feadh an t-saoghail, a-nis tha Tàlaidhean Ùra a’ cur an comas bhuidhnean com-pàirt cuideachadh le teaghlaichean sa choimhearsnachd aca fhèin.
Bha am pròiseact a’ dol againn an toiseach ann an 2020 agus bha bliadhna iongantach againn ag obair an làthair a-chèile ro Chòbhad agus air loidhne a’ toirt ceithir pròseactean gu buil ann an Alanais, an Inbhir Pheofharain, ann an Geàrrloch agus an Inbhir Nis. B’e toradh nan ciad sheiseanan seo 22 tàlaidhean ùra ann an Gàidhlig, ann am Beurla, ann an Arabais is ann am Portagalais agus faodar èisteachd ri cuid de na tàlaidhean àlainn an seo.
Chaidh fear de na tàlaidhean, Bà Bà, dèanta le Kathelle NicLeòid do Raibeart, a mac, a sheinn mar phàirt den chonsairt bhliadhnail a’ comharrachadh nan Tàlaidhean Ùra ann an Talla Charnegie ann an 2021, am measg thàlaidhean mìorbhaileach eile bho air feadh an t-saoghail. Chùm a’ chiad sgrìob den phròiseact obair ri 9 luchd-ciùil neo-eisimleach às an àite seo fhèin. Bha an dàrna sgrìob againn, taing do mhaoin bho ICÒ, rè 2022-23 agus tha sinn toilichte gur urrainn dhuibh èisteachd ris na tàlaidhean àlainn seo air fad a chaidh cruthachadh air an duilleig Soundcloud againn an seo.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu phròiseact nan Tàlaidhean Ùra, feuch gu leig sibh fios gu Teya-Jean, tj.bawden@feisrois.org.