Fèis air Astar

Tapadh leibh uile airson a bhith còmhla rinn airson an dàrna Fèis Rois bhiortuail eadar an 30mh den Ghiblean agus an 3mh den Chèitean 2021. Bha sinn air ar dòigh glan seann chàirdean fhaicinn agus caraidean ùra cuideachd. Bha e dìreach mìorbhuileach daoine bho chòrr air 50 dùthaich fhaicinn aig an tachartas againn!

Dh’ fhàg sinn na bùithtean-obrach air loidhne fad cola-deug as dèidh na deireadh sheachdain airson cothrom a thoirt do dhaoine barrachd ionnsachaidh a dhèanamh. Tha sinn a-nise air sin a thoirt a-nuas, ach tha sinn air na duilleagan seo fhàgail gus am faic sibh cò ris a bha am prògram againn coltach agus cò a bha an-sàs ann. 

Bha sinn cuideachd toilichte cothrom a bhith againn còrr air £24,000 a phàigheadh do 47 luchd-ciùil agus do dhaoine cruthachail eile a bha an-lùib na deireadh sheachdain againn. Tha fios againn gu bheil an suidheachadh fhathast duilich do cheòladairean agus do dhaoine eile a tha an-sàs anns na h-ealain chruthachail. Tha sinn taingeil gun tug Alba Chruthachail taic de £13,500 dhuinn. Tha sinn a’ togail airgid airson a’ chòrr agus ma tha sibhse airson tabhartas sam bith a thoirt seachad, faodar sin a dhèanamh an seo.

Gary West

Small Pipes Workshop: Saturday, 12pm

‘S e fear-ciùil, craoladair agus sgoilear a tha ann an Gary West a tha air a bhith gu math trang ann an rannsachadh is cluich cultar Albannach fad còrr is deich bliadhna fichead. ‘S e fear an taighe Pipeline air BBC Radio Scotland, agus chòrd e ris glan a bhith air ballrachd fhaighinn ann an Talla Clìu Dual-cheòl na h-Alba an-uiridh.

http://www.garywest.scot

Jenn Butterworth

Guitar Workshop: Monday, 12pm

Tha Jenn Butterworth air tè de na giotàraichean dual-cheòl as ainmeile ann an saoghal ceòl acùstach Bhreatainn. Ann an 2019, chaidh tiotal Ceòladair na Bliadhna a bhuileachadh oirre le Duaisean Dual-cheòl na h-Alba, agus chaidh a h-ainmeachadh airson an tiotail cheudna ann an Duaisean Dual-cheòl BBC Radio 2.

A’fuireach ann an Glaschu tha i na na cluicheadair riatanach ann an saoghal beothail soirbheachail  an dual-chiùil Albannaich, is bidh i a’ cluich gu cunbhalach còmhla ri raon farsaing de luchd-ealain,nam measg a pròiseactan fhèin ‘Jenn Butterworth & Laura-Beth Salter’, ‘Kinnaris Quintet’ agus an còmhlan oidhirpeach dual-jam ‘The Blas Collective’.

https://www.jennbutterworth.co.uk/
Laura Wilkie

Laura Wilkie

Ceilidh Trail 2008

Tha Laura Wilkie na fìdhlear à Baile Dhubhthaich. Tha stoidhle air leth aice a tha fo bhuaidh traidiseanan fìdhle na Gàidhealtachd agus caochladh ghnèithean eugsamhail. Tha Laura air a dhol air chuairt air feadh an t-saoghail ann an grunn bhuidhnean chòmhlain dual-cheòl an latha an-diugh. Nam measg bha Kinnaris Quintet, an sàr-chluicheadair giotàir Iain Carr, Ross Ainslie, Salsa Celtica, Niteworks agus na seinneadairean Albannach Claire Hastings agus Siobhan Miller. Mar bhall stèidheachaidh a’ chòmhlain-chiùil Fat Suit à Glaschu, tha seo a’ brosnachadh Laura gu bhith cluich le beagan obair-sgrìobhaidh ann an diofar stoidhlichean, a’ toirt cothrom dhi an stoidhle seo atharrachadh anns gach pròiseact. Tha na co-obrachaidhean aice a’ gabhail a-steach cleasachd, sgrìobhadh, rèiteachadh: Shooglenifty, Man of the Minch, Rachel Sermanni, The Elephant Sessions, Paul Towndrow’s Keywork Orchestra, Fatherson agus the GRIT Orchestra.  

Conal MacDonnchadha

Whistle Workshop: Saturday, 2pm

‘S e pìobaire à Poll Iù ann an Ros an Iar a tha ann an Conal MacDonnchadha. Fo bhuaidh an dà chuid àraich Albannaich agus a dhualchais Èireannaich, bidh Conal a’ seinn na pìob-uilne  a bharrachd air a’ phìob-mhòir is pìob nan crìochan, an fhìdeag is an duiseal.

Leasaich Conal a chuid chiùil tro sheachdainean teagaisg Fèis Rois, chaidh e do Sàr-Ionad Nàiseanta an Dual-chiùil sa Phloc agus cheumnaich e le Urram Ìre a h-Aon bho Chonservatoire Rìoghail na h-Alba.

An dèidh dha Duais Dhualchasach na h-Òigridh a ghlèidheadh mar phàirt den triùir aig Mischa Nic a’ Phearsain, lean Conal air ag obair an dà chuid còmhla ri luchd-ciùil ùr is aithnichte, leithid Breabach, Donnchadh Siosal, Cara Dhiolún agus còmhlan Phòil MhicCionaoith is bidh e a’ cumadh is a’ cluich ceòl còmhla ris a’ chòmhlan innleachdach dual-cheòl/dealanach Inyal.

Raonaid Nic an Fhùcadair

Gaelic Song Workshop: Saturday, 4pm

Tha Raonaid Nic an Fhùcadair na seinneadair, òranaiche agus rianadair-ciùil, stèidhichte aig cridheLoch Abair ann air taobh siar na Gàidhealtachd. Ceart cho math a’ seinn sa Ghàidhlig is sa Bheurla,chuir i eòlas air an traidisean Ghàidhealach nuair abha i òg, às dèidh dhan teaghlach aige dol, bhoSiorrachd Lincoln Shasainn, a dh’fhuireach ann am baile beag Ceann Loch Iù, air Taobh Siar Rois. B’ ian tidsear aice an-sin, Meg NicIllEathain, a chuir ìmpidh oirre seinn air an àrd-ùrlar, sa chiad dol a-mach, is i an sàs san t-siostam-leasachadh do luchd-ealain Gàidhealach–co-fharpaisean nam MòdanIonadail is coileanaidhean aig cèilidhean na sgìre. Gu tric an sàs ann am Fèis Rois, o bha i òg bha iriamh beò-ghlacte le òrain, cànan is cultar nan Gàidheal.

https://www.rachelwalker.co.uk/

Iain MacPhàrlain

Fiddle Workshop: Sunday, 10am

Tha Iain MacPhàrlain air fear de na fìdhlearan as fheàrr ann an nòs fìdhlearachd nan Garbh-chrìochan. Na bheatha-obrach fhada bha e sa chiad shreath de chòmhlan fìdhlearachd Blazing Fiddles, air chuairt còmhla ri Boys of the Lough agus a’ cluich còmhla ri Iain Dòmhnallach nan dithist. An-dràsta bidh e a’ cluich còmhla ri Còmhlan Cèilidh Ghleann Fhionnain agus a’ teagasg aig Sàr-Ionad Nàiseanta an Dual-chiùil.

https://www.iainmacfarlaneingridhenderson.com/

Ian Lowthian

Accordion

Ian Lowthian was born and bred in the Scottish Borders, learning the piano accordion, mostly continental music, French musettes and Italian Polkas but also some light classical pieces arranged for standard bass accordion and of course some Scottish music. He is a prolific composer of mainly traditional music and has composed many pieces for children’s ensembles and folk orchestra. He is constantly making arrangements for Folk bands in the schools and now has the most wonderful job working in the schools doing creative projects with children. Song writing, composition, recordings etc. He also works with children with additional learning needs using technology and instruments especially created to facilitate music making for them.

http://www.iansmusicweekends.com

Ingrid NicEanraig

Clarsach

Tha Ingrid NicEanraig, a’ bhan-chlàrsair/an neach-piana, ”na neach-chiùil barraichte, is na sàr-chluicheadair a thaobh mothachadh.” Le còrr is 25 bliadhna de dh’eòlas aice air ceòl dualchasach, am measg a cliù ann am foghlam, tha teagasg air BA Gàidhlig is Ceòl OIGE aig Sàr-Ionad Nàiseanta an Dual-chiùil. Bidh i a’ cluich còmhla ri Iain MacPhàrlain a b’ àbhaist a bhith ann am Blazing Fiddles nan dithis agus còmhla ri Còmhlan Cèilidh Ghleann Fhionnain.

https://www.iainmacfarlaneingridhenderson.com/

Corrina Hewat

Harmony Singing

Corrina Hewat is a Scottish singer and harper, composer, educator, director, big thinker. Widely regarded as one of Scotland’s most original musicians, she has been involved with a huge variety of bands and projects over the last 25 years.

http://corrinahewat.com

Liz Ní Cearbhaill

Fiddle Workshop: Monday, 10am

‘S e ban-fhìdhlear, -chumadair is neach-ealain clàraidh Èireannach a tha ann an Liz Ní Cearbhaill. ‘S i a’ chiad cheòladair Èireannach-Aimearaganach a chiadh ainmeachadh airson Grammy, agus a’ chiad chumadair-ciùil a rugadh sna Stàitean a fhuair urram Cumadóir TG4, an duais dual-chiùil as cudromaiche ann an Èirinn. Tha i air a bhith air chuairt na h-aonar agus còmhla ri Green Fields of America, an còmhlan Trian, nan dithis Liz Ní Cearbhaill agus Seán Ó Dubhghaill, String Sisters, agus a-nis mar phàirt de dhithis le fear-giotàir is –piana Jake Charron. Na prìomh-chluicheadair air ceithir clàir dheug agus air nochdadh air mòran eile, thàinig a co-chlàr còmhla ri Jake Charron, Half Day Road, a-mach sa Ghearran 2019.

https://www.lizcarroll.com/

Raonaid Ní hÉir

Clarsach Workshop: Monday, 2pm

Tha Raonaid Ní hÉir air còig clàir a chur a-mach a fhuair moladh mòr is an-dràsta tha i a’ cluich còmhla ri s a’ghiotàraiche Ron Jappy.  Ainmeil air feadh an t-saoghail, tha Raonaid air cluich is air teagasg air feadh nan Stàitean Aonaichte, Sealainn Nuadh, Iapàn, an Ruis agus an Ròinn-Eòrpa agus tha na seiseanan-obrach air loidhne aice feadh a’ghlasaidh-sluaigh, a’ CHLÀRSACH aig an TAIGH, air a bhith air an coimhead leis na mìltean chlàrsairean air feadh an t-saoghail.

https://www.rachelhair.com/

Emily Nic a’ Ghobhainn

Scots Song Workshop: Monday, 4pm

Tha a’ bhan-seinneadair is a’ bhana-cheòladair Emily Nic a’Ghobhainn, a rugadh ann an Dùn Phris is a choisinn iomadh duais, air a dhol air chuairt air feadh an t-saoghail a’ gabhail measgachadh de dh’òrain san t-seann nòs is na rinn i fhèin. Mar ’Nic a’Ghobhainn agus MacIllFhinnein’ bidh i ag obair sa mhòr-chuid còmhla ris an duine aice, Seumaidh MacIllFhinnein nan dithis. Tha Emily air atharrachadh bho a bhith air chuairt gu bhith a’ teagasg o chion ghoirid agus tha i air a bhith ag obair grunn bhliadhnaichean aig  Fèis Rois air feadh Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh.

https://emilysmith.org/

Ann an 2021, thabhainn sinn sreath ùr de dh’ òraidean beò aig àm lòin agus seiseanan aig 6f.

Dihaone, 30 an Giblean

Seisean aig Sia còmhla ri Iain MacPhàrlain agus Ingrid NicEanraig, 6f

Disathairne, 1 an Cèitean

Òraid Bheò Àm-dìnnearach: Òrain is Fuinn Aoigheachd Ghàidhealach còmhla ri Eòghann MacEanraig, 1f

Seisean aig Sia Gary Innes còmhla ri Iain MacIlleMhìcheil, 6f

Didòmhnaich, 2 an Cèitean

Òraid Bheò Àm-dìnnearach: Lìonra Dualchas Eòrpach còmhla ri Dave Francis, 1f

Seisean aig Sia: Anna & Bob Massie, 6f

Diluain, 3 an Cèitean

Òraid Bheò Àm-dìnnearach: Cultar a’ Chèilidh agus an Coitcheann: Màiri NicPhàidein, 1f

Seisean aig Sia: Aonghas Grant & Louise NicCoinnich, 6f

Dhealbhaich sinn dà chuirm-ciùil do BhBC ALBA ann am com-pàirteachas le Beezr Studios. Faodar am facinn air iPlayer a’ BhBC an seo gu deireadh a’ Chèitein 2021. Dhuibhse a tha air taobh a-muigh na Rìoghachd Aonaichte, tha sinn air aontachadh leis a’ BhBC cothrom a bhith ann na cuirmean a thabhainn às dèidh 30 latha air an iplayer. Cumaibh sùil a-mach airson cuairt-litir na h-Òg-mhìos, far an innis sinn dhuibh mar a gheibh sibh an ceòl. 

Gabh an cothrom cuirm luchd-oideachaidh 2021 fhaicinn an seo. 

To top