Poileasaidh Chriomagan
Bidh sinn a’ faotainn agus a’ stòradh cuid a dh’fhiosrachadh nuair a thadhlas sibh air an làrach-lìn. Bidh sinn a’ clàradh an t-seòlaidh IP (Internet Protocol / Pròtacal Eadar-lìn) agaibh gus an urrainn dhuinn fiosrachadh a chur thugaibh agus fhaighinn bhuaibh air-loidhne.
Bidh an làrach-lìn againn a’ cleachdadh chriomagan gus an gabh co-ghnìomhan air-loidhne a dhèanamh (criomagan ciad phartaidh) agus gus clàr a chumail air pàtranan cleachdaidh agus airson fiosrachadh a thoirt dhuinn a chuidicheas leis an t-sanasachd dhidseatach againn (criomagan treas partaidh). Dh’fhaodadh gum bi sinn cuideachd a’ clàradh fiosrachadh co-cheangailte ris na puist-d a chuireas sinn, leithid dearbhadh gun d’ fhuaras iad, gun deach am fosgladh, fios air cia mheud duine a chliog air ceanglaichean-lìn, fios air rudan a chaidh a cheannach agus fiosrachadh air cò nach eil ag iarraidh fiosrachadh/puist-d fhaotainn tuilleadh.
Bidh an làrach-lìn seo, coltach ri iomadh fear eile, a’ cleachdadh fhaidhlichean beaga ris an canar criomagan a nì an làrach-lìn nas goireasaiche dhuibh. Tha ‘Criomagan’ nam faidhlichean teacsa beaga a tha air an stòradh sa bhrobhsair air a’ choimpiutair no fòn-làimhe agaibh. Thèid aig làraich-lìn air na faidhlichean seo a leughadh no a sgrìobhadh, agus le bhith a’ dèanamh sin thèid aca air rudan a stòradh leithid fiosrachadh mu dheidhinn nan roghainnean a tha thu air a dhèanamh mar neach-cleachdaidh is msaa. Tha criomagan mar “chuimhne” dhan làrach-lìn, leis an urrainn dha neach-cleachdaidh aithneachadh agus a bhios a’ ciallachadh gun urrainn dha dèiligeadh ribh ann an dòigh fhreagarrach. Chan urrainn do dh’àrainn-lìn ach na criomagan a tha air an stòradh air an àrainn-lìn sin fhaotainn, mar sin chan urrainn ach frithealaichean Fèis Rois criomagan fhaotainn a chaidh a chlàradh le àrainnean-lìn “feisrois.org”.
Tha na roghainnean airson chriomagan air an làrach-lìn seo air an cur air dòigh gus am bi ‘a h-uile criomag ceadaichte’ feuch am bi an làrach-lìn cho goireasach ’s a ghabhas dhuibh. Ma leanas sibh oirbh gun na roghainnean sin atharrachadh, tha sinn a’ gabhail ris gu bheil sibh riaraichte le sin – ach faodaidh sibh cur às do chriomagan sibh fhèin sa bhrobhsair agaibh.
Na criomagan a bhios sinn a’ cleachdadh
Bidh sinn a’ cleachdadh diofar chriomagan air an làrach-lìn seo:
1. Criomagan Seisein
Bidh sinn a’ cleachdadh criomag seisein gus cuimhneachadh air an roghainn chànain agaibh, am fiosrachadh logadh a-steach agus air na chuir sibh dhan bhasgaid agaibh. Tha sinn a’ meas an fhiosrachaidh seo mar fhiosrachadh a tha riatanach gus dèanamh cinnteach gun obraich an làrach-lìn mar bu chòir. Ma thèid stad a chur air na criomagan seo, bidh cuid a rudan air an làrach-lìn nach obraich mar bu chòir. Tuilleadh fiosrachaidh mu Chriomagan Seisein.
2. Criomagan airson an làrach-lìn is èifeachdas an làraich-lìn a sgrùdadh
Google Analytics – bidh sinn a’ cleachdadh a’ ghoireis seo gus tuigse fhaighinn air na dòighean sa bheilear a’ cleachdadh an làraich agus gus an làrach a dhèanamh nas goireasaiche dhuibh. Tha an dàta uile mu luchd-cleachdaidh air a stòradh gun ainmean na chois.
Tuilleadh fiosrachaidh mu phoileasaidh Google a thaobh prìobhaideachd is sgrùdaidhean eadar-lìn.
3. Criomagan Treas Partaidh
Dh’fhaodadh gum bi na criomagan seo air an cur air dòigh tro ar làrach-lìn le companaidhean eile. Dh’fhaodadh gun cruinnich na companaidhean sin dàta a leigeas leotha sanasan a chur air làraich-lìn bhuntainneach eile a rèir dè na rudan sa bheil ùidh agaibh. Chan eil smachd againn air tòrr de na criomagan sin.
A’ cur às do chriomagan
Nam b’ fheàrr leibh cur às do chriomagan nuair a tha sibh a’ siubhal an làraich-lìn seo, faodaidh sibh sin a dhèanamh leis a h-uile brobhsair ùr. Seo liosta a sheallas mar a chuireas sibh às do chriomagan leis na ceithir brobhsairean as fheàrr le daoine:
Rioghainnean chriomagan airson Internet Explorer
Rioghainnean chriomagan airson Firefox
Rioghainnean chriomagan airson Chrome
Rioghainnean chriomagan airson Safari
Mura h-eil am brobhsair agaibh air an liosta, mholamaid dhuibh ‘Cuideachadh” a chleachdadh sa bhrobhsair agaibh airson tuilleadh fiosrachaidh no coimheadaibh air an liosta air About Cookies.
Tuilleadh fiosrachaidh mu chriomagan
Dh’fhaodadh gum bi na làraich-lìn seo feumail dhuibh, tha tuilleadh fiosrachaidh mu chriomagan orra:
aboutcookies.org
allaboutcookies.org
Oifis Coimiseanair an Fhiosrachaidh