Abairtean feumail dhuinn uile

Tha goireas ùr ‘s an-asgaidh againn a chuideachas daoine le bhith a’ togail faclan is abairtean Gàidhlig feumail airson Fèisean agus am beatha làitheil.

Tha am pàillteas de dh’abairtean sa ghoireas leithid feadhainn airson a’ cur eòlas air daoine, cainnt-teagaisg is faclan sònraichte airson ionnsramaidean. ‘S mar sin, tha e freagarrach chan e a-mhàin do luchd-ionnsachaidh ach cuideachd do dh’oidean a tha fileanta agus a tha airson ath-aithris a dhèanamh ro chlas do dh’fhileantaich.  

Tha clàradh fuaim de gach abairt sa ghoireas agus ‘s urrainn do dhaoine èisteachd riutha cho mòr ‘s a thogras iad.

A’ fosgladh a’ ghoireis

Mar fhiosrachaidh, tha cothrom gun toir e ùine nas fhaide a’ fosgladh a’ ghoireas nan àbhaist leis cho mòr ‘s a tha na faidhlichean.

‘S urrainn dhut sealltainn air a’ ghoireas air laptop, tablet no fòn-làimhe. Mas ann air fòn-làimhe a tha thu ga choimhead, dean na leanas ach am faigh thu èisteachd ris na clàraidhean fuaim:

  1. Briog air an dà saighead a th’ aig bonn na duilleige, air an làimh dheis.
  2. Bruth air ‘+’ triop neo dhà.
  3. Gluais an sgrìon ach am faic thu am putain airson cluich.
  4. Briog air a’ phutain agus fuirich corra diog gus an cluinn thu e.

Buidheachas

Tha sinn fada an comain dhaoine a th’ air obair a dhèanamh air an stòras. ’S iad:

  • Beathag Mhoireasdan (prufadh.)
  • Barry Reid, Rosecroft Studio (clàradh is deasachadh nan clàraidhean fuaim.)
  • Ian Robson, Suit Suit Studio (dealbhachadh a’ ghoireis.)

Chaidh na dealbhan sa ghoireas a tharraing le Paul Campbell, Christian Gamauf, Osama Rai agus Ewen Weatherspoon.

To top