Sgeulachdan Nollaig is Geamaichean Dràma
Le: Artair Donald & Uilleam Moireach.
Deasaichte le: Mòrag Stiùbhart.
Dealbhachadh: Anna Rothach.
The text in this resource is licensed under Creative Commons licence 4.
Illustrations © Anna Rothach 2023.
Chaidh an leabhar seo a chruthachadh tro Cho-chomann Cultar na Gàidhealtachd, is is Fèis Rois prìomh bhuidheann rianachd Co-chomann Cultar na Gàidhealtachd. ‘S e prògram deuchainn nàiseanta a bha ann an Co-chomann Cultar na Gàidhealtachd a chur air bhonn lìonra de luchd-ealain, de chomainn is de choimhearsnachdan ag obair còmhla airson diofar deimhinne a chruthachadh gu h-ionadail is gu nàiseanta mar fhreagairt air Cobhad-19, eadar 2021- 23. Fhuair am prògram maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba tro Alba Chruthachail.
Bha Artair Donald na Neach-dràma air Mhuinntireas aig Co-chomann Cultar na Gàidhealtachd. Bha Artair a’ siubhal gu ionadan Meadhan Gàidhlig ann an sgoiltean air feadh na Gàidhealtachd, agus a’ cur a chuid eòlais is sgilean dràma gu feum gus cleachdadh Gàidhlig na cloinne a bhrosnachadh agus a leasachadh. Thairis air an àm sin, bha e glè fhollaiseach gun robh gainne ann de sgriobtaichean Gàidhlig do dh’ òigridh. Aig àm na Nollaig bhiodh na sgoiltean a’ seinn òrain Ghàidhlig mar an taisbeanadh Nollaig aca. Ag obair le sgoilearan ann am Bun-sgoil Àth Tharracail agus Bun-sgoil Bhail’ Ùr an t-Slèibhe (2021-22), leasaich Artair sgriobtaichean le na sgoilearan tro ocaideachadh, agus thaisbean iad stòiridhean stèidhichte air an Nollaig.
Tha na sgriobtaichean a leanas air a bhith air an leasachadh thar nam biadhnaichean. Tha iad air an cur còmhla mar bhrosnachadh do sgoiltean airson an cleachdadh is an atharrachadh a rèir ainmean-àite agus suidheachaidhean fa-leth, & m.s.a.a. Tha cead aig sgoiltean fiù ’s na stòiridhean atharrachadh gu tur.
Tha Artair an dòchas gun còrd e ribh a bhith ag obair le na sgriobtaichean agus gan leasachadh.
Mòran taing do Uilleam Moireach a sgrìobh a’ chiad dealbh-chluich, Ceana-Ella; agus do Mhòrag agus Anna a chur an goireas còmhla. Mòran taing cuideachd do Oifigeach Gàidhlig Fèis Rois, Karen Oakley.