Ian Lowthian

‘S ann às na Crìochan a tha Iain far am bi e ag obair na cheòladair, na chumadair agus na fhear-teagaisg. Rinn e greiseag ann an Lunnainn ann an Acadamaidh Rìoghail a’ Chiùil o chionn mòran bhliadhnaichean far an tug e a-mach ceum ann am bogsa-ciùil.

Bhon uair sin tha e air a bhith ag obair gu ìre mhòir ann an saoghal an dual-chiùil ach cuideachd a’ teagasg a’ bhogsa agus a’ mheur-chlàir sna sgoiltean agus ag obair còmhla ri clann le feumalachdan ionnsachaidh a bharrachd.

To top