Jennifer Marshall
Se neach-lagh a th’ ann an Jennifer agus chur i seachad grunn bhliadhnaichean ag obair ‘sa bhaile mhòr le companaidh coimeirsealta. Thill i dhan Ghàidhealtachd o chionn ghoirid airson obair le Puirt-adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean. Tha Gàidhlig aice agus tha ùidh aice ann an ceòl na pìoba agus òrain Ghàidhlig. Tha i air a bhith an sàs ann an tachartasan Fèis Rois mar dheugaire agus mar inbheach airson còrr is fichead bliadhna.
Thòisich i air a’ Bhòrd san Dùbhlachd 2019.