Sophie Stephenson, Gaelic Officer

Sophie Stephenson

A’ tighinn à Cille Chuimein air cladach Loch Nis, tha an dealas a tha aig Sophie airson cànan is cultar na Gàidhlig air sàilleabh mar a thogadh i air a’ Ghàidhealtachd agus mar a bha i bho h-òige an lùib taighean-cèilidh, dannsaichean, seiseanan ciùil agus fèisean ionadail. Tha MA ann an Litreachas na h-Alba agus Eitn-eòlas (Oilthigh Dhùn Èideann), CertHE ann an Gàidhlig (Sabhal Mòr Ostaig) agus HNC ann an Ceòl Traidiseanta (Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean) aig Sophie. Feadh nan deich bliadhna a dh’ fhalbh, tha Sophie air a bhith ag obair anns na h-ealain Ghàidhlig agus sna meadhanan mar neach-taisbeantais, tidsear agus preasantair. A thuilleadh air seo, tha Sophie ainmeil gu h-eadar-nàiseanta ann an dannsa-ceum. Thòisich Sophie ag obair aig Fèis Rois san t-Sultain 2023 agus tha i na h-oifigear Gàidhlig airson pròiseactan cruthachail. Na dreuchd, bidh i ag obair air tachartasan a’ gabhail a-steach Cearcall Còmhraidh agus deiridhean-seachdaine còmhnaidh Gàidhlig do dheugairean ann an Ros is Cromba. Tha ùidh aig Sophie ann an com-pàirteachasan agus co-obrachadh le buidhnean Gàidhlig air feadh Alba agus le coimhearsnachdan mion-chànanan eile gu h-eadar-nàiseanta. Nuair nach eil i ag obair, tha ùidh mhòr aig Sophie sa bhlàr a-muigh – coiseachd anns na beanntan, snàmh agus iomradh-bùird!  

To top