Cèilidh air Chuairt
Deuchainnean-cluiche fosgailte airson Fèis Rois Cèilidh air Chuairt 2020
Se dreuchd samhraidh pàighte agus cothrom air leth a th’ ann an Cèilidh air Chuairt do luchd-ciùil tàlantach òg. Am bliadhna, tha sinn a’ sireadh deichnear luchd-ciùil eadar 16 is 25 a chuireas seachad an samhradh a’cluiche fuinn, a’ siubhal tro Alba agus nas fhaide air falbh na sin, agus a’ faighinn eòlais air cha mhòr a h-uile seòrsa cuirm fon ghrèin!
Airson Cèilidh air Chuairt na bliadhna sa, gheibh luchd-ciùil cothrom obrachadh còmhla ri ceòladairean à Astràilia, Canada, Sasainn agus a’ Chuimrigh a bhios uile a’ tighinn còmhla rinn airson greis air an t-samhradh. Bithear cuideachd a’ gabhail pàirt ann an seachdain trèanaidh mus tòisich a’ chuairt far am bi thu a’ dèanamh bùithtean obrach a’ coimhead air fuaim airson cuirmean beò, sgilean taisbeanaidh agus a bhith ag ainmeachadh dhannsaichean. Obraichidh tu mar phàirt de bhuidhnean airson seat òrain is fhuinn a chur ri chèile.
Tha sinn ag obair air cuairt gu math inntinneach airson na bliadhna sa agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri Cèilidh air Chuairt tron Ghàidhealtachd air fad agus an còrr de dh’ Alba, a thuilleadh air cuid de dh’ fhèisean ciùil ann an Sasainn agus anns an Fhraing.
Mar phàirt de Chèilidh air Chuairt am bliadhna, tha sinn a’ tabhann cothrom sònraichte eile do luchd-ciùil: siubhlaidh triùir à Alba gu ruige Astràilia airson 3.5 seachdainnean aig toiseach an t-samhraidh gus obair a dhèanamh le ceòladairean bhon Fhèis Nàiseanta Ceilteach. Tha seo na phàirt de bhliadhna Alba ann an Astràilia 2020. Feumaidh an luchd-ciùil a thaghas sinn a bhith rim faotainn eadar 27mh den Chèitean agus 20mh den Òg-mhìos, a bharrachd air na làithean eile airson Cèilidh air Chuairt.
Thèid na deuchainnean-cluiche a chumail air an 22mh & 23mh den Ghearran ann an Cromba às an Eilean Dubh. Tha tagraidhean a’ dùnadh air an 12mh den Ghearran.
Thèid innse dhut air an 14mh den Ghearran ma tha thu air soirbheachadh.
DEITICHEAN CUDROMACH:
Bu chòir dhut a bhith ri d’ fhaotainn airson na cinn-là gu h-ìosal air fad.
22mh & 23mh den Ghearran: Deuchainnean-cluiche ann an Cromba, Siorrachd Rois
27mh den Chèitean gu 20mh den Òg-mhìos: Triùir air an taghadh airson a dhol air turas a dh’Astràilia.*
13mh – 17mh den Iuchair: Seachdain Trèanaidh
17mh – 15mh den Lùnastal: Cèilidh air Chuairt
*Mura h-eil thu ri d’ fhaotainn airson turas Astràilia, ach ma thu ùidh fhathast agad ann an Cèilidh air Chuairt, dèan cinnteach gun dèan thu tagradh, cha fad’s as urrainn dhut a bhith an làthair airson na deuchainnean-cluiche agus gu bheil thu saor eadar 13mh-15mh den Lùnastal 2020.
Ma tha ceistean sam bith agad mun phròiseas neo càil sam bith eile, cuir fios gu Christian Gamauf aig projects@feisrois.org neo fòn gu oifis Fèis Rois air 01349 862600.
“Le bhith a’ dol air chuairt agus a’ coinneachadh ri luchd-ciùil bho dhiofar cheàrnaidhean de dh’Alba, dh’ionnsaich mi puirt ùra agus chuala mi diofar stoidhlichean a bhuin ris na sgìrean aca. Seach gun robh sinn a’ siubhal agus air chuairt, bha tòrr ùine againn dhuinn fhìn far an robh cothrom againn bruidhinn ri chèile mun eòlas a bh’ againn air gnìomhachas a’ chiùil agus air diofar sheòrsa chuirmean-ciùil agus a bhith a’ cluich do dhiofar sheòrsa luchd-èisteachd.”
Neach-ciùil bho 2017
Thòisich Fèis Rois am prògram soirbheachail againn le Cèilidh air Chuairt ann an Siorrachd Rois ann an 2000. Às dèidh mar a shoirbhich leis a’ Chèilidh air Chuairt ann an Siorrachd Rois, thòisich Fèis Rois Cèilidh Nàiseanta air Chuairt air feadh Alba ann an 2012. Tha am pròiseact seo air a dhol bho neart gu neart bhon uair sin, agus tha e a’ toirt chothroman do luchd-ciùil òga bho air feadh Alba a bhith a’ cluich ann an àiteachan fad is farsaing san dùthaich.
Tha tòrr luchd-ciùil a ghabh pàirt sa Chèilidh air Chuairt aig Fèis Rois a-nis ag obair ann an gnìomhachas ciùil na h-Alba far a bheil iad air cliù nach beag a chosnadh dhaibh pèin. Nam measg tha Fraya Thomsen, Mairearad Green, Innes White agus Rachel Newton.