Coinneach Odhar

Ann an 2016, mar aon de rudan a rinn sinn gus an 30mh ceann-bliadhna againn a chomharrachadh, bharantaich sinn Lauren NicColla gus sreath de cheòl ùr a sgrìobhadh stèidhichte air beatha is fàidheadaireachd Choinnich Odhair. Bha Coinneach Odhar na fhiosaiche san 17mh linn a chuir seachad tòrr de a bheatha ann an Ros an Ear agus ann a bhith a’ sgrìobhadh a’ chiùil thog Lauren air sgeulachdan a chuala i na h-òige agus rannsachadh a rinn i airson a’ phròiseict.

Tha an ceòl a sgrìobh Lauren fìor dhrùidhteach is eireachdail agus tha e a’ cur an cèill dhuinn an ceangal domhainn a th’ aice ri Ros an Ear agus a’ Ghàidhealtachd. Coltach ri Lauren fhèin, b’ àbhaist do thòrr den luchd-chiùil a chluinnear sa chlàradh a bhith a’ frithealadh air Fèis Rois nan òige agus tha iad nan adhbhar-brosnachaidh mòr dhan ath ghinealach de luchd-ciùil òga.

Chaidh Coinneach Odhar a chluich airson a’ chiad uair aig Celtic Connections san Fhaoilleach 2017, agus chaidh an clàr a chlàradh aig An Stàball, Cromba sa Ghiblean 2017. Chaidh a chur air bhog an uair sin le dà chuirm mar phàirt de dh’Fhèis Bhlas san t-Sultain 2017.



To top